Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/185

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
167
GLEUSDACHD

“Dé is sloinneadh dhut?”

“Mac Coinnich.”

“’S fheudar nach buin t’athair do’n cheàrna so? Cha chuala mi Clann ’ic Coinnich a bhi air taobh an t-Strath’ de dh’Eilean Donnain.”

“Tha sibh ceart an sin,” dh’aidich e. Ach thainig rud nach do mhothaich e riamh roimhe—rughadh le tàmailte ’na aodann. Leag e ri làr an t-sùil sin air nach do chuir nì ’na bheatha fiamh no eagal. Bha guth-mollachd ’ga shniomh air a bhilean; is goin a chàraidh a’ toirt claoidh air a chridhe.

Thug an gill’-eich an aire dha aodann a’ tòiceadh; is rinn e gàire fanaid—togradh nach deach’ as air Tormod, ged a bha cheann crom. Bu shuarach a’ chiad ionnsaidh a thug e ’san dol-a-mach air, an àite ’na bha ti’n ris an ceartair.

“Ken he nae his ain faither?” labhair an Gall, is plìn air a bha ruigheachd na smior-chailleach aig Tormod. “Gin he redden the langer, he’ll singe his tow aff.”

Ach ’s math dha-san nach do thuig Raitean brìgh a smeachranachd, neo bha sheic’ air an fharadh mun do sheall e bhuaidhe. Eadhon mar a thachair, rinn Raitean bòid leis an dùrachd sin a chuireas crioch obann air nàmhaid. Thuig e gu math gu’n robh an gill’-eich a’ magadh air—gnùiseachd a bha ri giorra-shaoghail a thoirt dha, cho cinnteach ’s ged a bhiodh biodag a’ sgoltadh a’ chridh’ aige. Oir cha’n’eil modh eile anns an toir coimheach oilbheum-bàis do Ghaidheal, na chur gu dhùbhlan le fanaid. Thigeadh cùis do’n ìre so, agus bidh dortadh fola gu deimhinn air a-chionn. Cuid a ni air

l dànadas còmhraidh