Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/184

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
166
AN T-OGHA MOR

sin esan! ’Ne fear a leum orm le slat-eich gun abadh gun aobhar.”

“Leig leasan,” labhair i sin le guth air-leith dùrachdach. “Is Gall e gun teagamh, ach deadh sheirbheiseach airson sin——”

“Dha fhein an toiseach,” leasaich Raitean ’ga stad. “Creidibh mise; bheir a’ cheart diùlnach an car asaibh nuair a’ bhios a’ muir a-mach.”

“Dé dhutsa,” ’s i cromadh a cinn, “co-dhiùbh bheir, no nach toir esan no neach eile ’n car asam? Dhiùlt thusa seirbheis a nochdadh air chor sam bith dhomh.”


V

Airson a’ chiad turuis, cha tug Raitean droch fhreagairt oirre. Ghlac saobh na tosdachd a theanga; is thar-leis gu’n a dh’fhairich e aois duine sgiolcadh troimh phòirean, ’s a’ lìonadh a choluinn ’sa chuislean air fad. Cha robh e tuigsinn dé dh’éirich dha, no idir na geasaibh fo’n d’rugadh air. Bha e fhathasd gun an t-seachdamh bliadhna ’dhiagnuchadh. Tha e cuideachd fior, gu’m fac e sheanmhair a’ deanamh nì no dhà chuir iongantas air. Ach ged a bha e ’na fhianuis air gach orra thug i ’n ìre, bha druidheachd gu léir, mar neo-ni, an coimeas ris a’ bhuaireadh a ghreimich a thoil cho teann ri bithis an ceartair.

“An cuir thu idir de chomain orm ’na dh’ìnnseas t-ainm dhomh?” dh’fharraid an òigh air mhodh a thilg a dhannarachd mu laimh.

“Tormod,” fhreagair e; “ach their iad Raitean rium cho tric ’s gur ach gann a dh’éisdeas mi ri ainm eile.”