Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/183

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
165
GLEUSDACHD


’na mheadhoin air dragh is mealladh-dùile a thoirt do dh’iomadh fear, is cearna.

“C’arson a tha thu cho crosda?” thuirt ise ’s i fiachainn ris a’ chuid a b’fheàrr fhaotuinn deth. “Na’n do ghabh mi le ar ciad chòmhail, chuir mi droch ainm de’n Eilean Sgiathanach. Tha facal ’na mo dhùthaich-sa—‘dean coingheall ri coigreach’—nach bu mhisd thu thogail leat.”

“Nirre!” dh’abair Raitean ’ga casg. “Na’n tainig thu bho thaobh Loch Fìne, bhiodh e duilich dhut t’fhacail a dhearbhadh. Mur a’ h’-eil taobh Loch Ailse de Thir-mór, cha do dh’innis mo sheanmhair dhomh aon àit’ eile, ’s luaithe bhriagnaicheas do shean-fhacal.”

“Tha thu beurra dhe t’aois,” fhreagair i gun ghruaman ’sam bith. “Ach cha bhuin mi do thaobh, seach taobh dhiubh. Ach fuirich ort! Dé ’s ainm, no sloinneadh, dhut?”

“Bi-gu-math-ris!” thuirt Raitean. “Is tha e soirbh a thuigsinn. Gabh mo leisgial; ach ’s e fìor-niag a tha ’san fhear sin ri d’ chrudha. Cha bu toigh lium ti’n eadar e ’s a chàl-duilisg.”

“Cha bhiodh e mar do chuid fhein dhut, tha mi creidsinn. Ach s’ dòcha nach’eil e idir cho gaorrach ’s a tha e coimhead.”

“A bhana-charaid, faodaidh e bhith gu bheil e na’s fheàrr na chollas; ach cha’n’eil aodann deadh dhuin’ air, mu’n d’thuirt Niall-nam-beann ris a’ chat.”

“Nach tu ghabh a’ ghràin air.”

“Is có chuireadh coir’ orm? Mac-na-croiche—is e