Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/169

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
151
TURUS NA CRICHE


bheòil. A-rithisd; ma thig rogha datha riut ann am fear seach a’ chéile, bha chiabhag donn-bhuidhe, ’s i casadh ’na duail ri bhoineid.

Eadar breacan-guailne le phràiste trom; daga fo gach làimh; biodag an duille ’si deiseil; is claidheamh air a leis ’na thruaill, bha collas an eireachdais air Iain Ruairidh. An àite còta-gearr is peiteag, bha e caitheamh léine de bhreacan-seilg nan Tolmach—i balgadh, farsuinn mu chom ’s a’tuiteam ’na leith-phoca ri leathad a chruachain. A’ sgoltadh falaman na glùine, bha oir an fhéilidh-bhig phleataich. Bha crios buclach mu theis-meadhoin; agus fodha sin, sporan cinn-bruic le aigileananl eathrach is buinn airgid umpa. Mu cheannaibh nan cas, bha cuarain ròmach de sheice féidh, le iall mu seach, ’s iad tarsuinn ’gan ceangal an taobh àrd de’n aorpuinn. Aig tibhead a’ chalpa, bha osan preasach ’ga cur an deadh chumadh, le sgein-duibh ’na lùib; is an glùinean, a thug Eilidh mar chuimhneachan da, ’gan gleidheadh ’nan àite.

Chuir bean an duine eile—ach bha’n t-iadach innte—cogar an cluas nàbaidh bun a h-ursainn, gu’n robh dòigh nam flath aig Iain Ruairidh air e fhein a chur a-mach. Ach có chuireadh sin an iomchoir dha?

Far an saothraich nàdar, cha téid a blàth an cleith. Thuirt iadsan, air nach tigeadh muir gun stiùireadh gu’n robh an Ridire Tolmach a’ cur a làimhe gun chead ann an gad fir eile. Is na’n robh a h-uile rud ’na àite fhein, bha Iain Ruairidh, is greim aig air dulag a shìnnsre ann an Tigh Mór Laobhrais. Ach, mar a chluinnte bho bhodach air fhaiceall—tha còir mar a chumair i.