Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/168

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
150
AN T-OGHA MOR


Bha aghaidh air Cùl-Bhreacais. Mu bhuillean an ama sin, thachair do’n Ogha Mhór a bhi dol seachad, ’s e gabhail an aithghearra, bho chéilidh air Maolchòmhail. Oir b’eòlach an dithisd air a’ chéile. Theireadh iadsan do’m b’aithne sloinneadh, nach robh leisgial ann an tagairt an càirdeis aig fear, seach fear dhiubh. Biodh sid mar a bha; ’s ann bho chunntas-beòil an Ogha Mhóir a fhuair sinn dé bu chruth ’s bu chollas do cheatharnach ar n-aire.

Ach ma tha thu neònach, ’s gun d’fhuair friamhag an fharmaid greim ort, cha tig ‘Moladh Birlinn Iain Ruairidh, ’s a Sgioba,’ ri d’chàil.

Tha rann dùbailt agus dà fhichead ’san òran. Their cuid gu’n robh urrad eil’ ann. Ach cha’n’eil duine beò a dhearbhas sin, bho’n a chaochail Iain Mac Iain Oig á Suidhisnis—sìth gu’n d’fhuair e. Cha’n’eil a meas fhein air a’ bhàrdachd so an diugh ged a b’ainmeil a luaidh, latha dha robh i.

Fàgaidh sinn fonn nam bàrd mu làimh an ceartair; agus gabhaidh sinn dealbh Iain Ruairidh, mar a chunnaic an t-Ogha Mór air mullach Cnoc-nan-Curran e. Bha e àrd bho’n talamh, garbh thar tomhais; is a ghairdean, féitheach aréir sin. Cha tugadh cailleach an aire dha, gun a sùil a fhliuchadh, ’s i guidhe béud ’ga sheachnadh. Bu mhiann gach òigh mar chéil’ e; oir bha mealladh neo-chuimseach ann an treisead a ghnùise. Mar a thuirt an Gille-Iaruinn ’s bu bheachdaidh e—‘B’e sin a’ ghnùis shuilbhir gun ghruaim, anns am biodh gean-gàire daonnan air bhrath.’ Ged nach bu chleachdadh ri ’linn e, bha e lom de dh’fhiasaig, ach na bha os-cionn a