Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/164

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
146
AN T-OGHA MOR


bheir each ’na chruinn-leum e. Tuigidh sibh a-nise rian mo chabhaig, agus mo chùraim.”

“Cha’n’eil dà thionndadh air, mar a thuirt Donnachadh-na-Ciabhaig mu ghrùdhan na h-earba,” fhreagair Gilleasbuig le fuaim-togail nach robh e idir a’ faireachadh. “Có iad do na leig thu fios a-bharrachd orm fhin ’s air Alasdair?”

“Dh’earb mi ris an teachdaire ràinig sibh-se,” thuirt Iain, “taghail air Alasdair Seònaid, Ruaraidh Iain ’ic Iain Léith, Coinneach-nan-Godhar, Iain-Bàn-na-Fiaraig, is Domhnull-nan-Guidheachan, Tearlach-na-Fiasaig, Fearchar Somalta, Niall Sléibhteach, agus mo dhi-chuimhn’—cha b’e bu chòir fhàgail air dheireadh—Calum-a’-Chrannuchain. Mur a cur an sgioba sin an sgoth chaol fo shiubhal-cuain, cha’n fhiach ceatharnachd iomradh air.”

“Tha dòchas agam,” labhair Alasdair, ’s e coimhead car anacrach, “gu’n tug thu rabhadh dhaibh, gu’m bi biodag ’san eadraigin ann am bealach nach saoil iad.”

“Nach gogaideach an dà cheann a th’oirbh,” arsa Gilleasbuig; is fiamh gàire air ag amharc bho fhear mu seach dhiubh. “Na smaointich sibh idir gu bheil Rob Crotach an dràsda, ’s a’ chuid is fheàrr dhe slighe as a dhéighinn? Ma théid a ghnothuch leis, faodaidh e bhi socrach air ais mun gann a bheir sinne ar n-aghaidh air Rudha Hùinis. Cia as a-nise, bhobaig—a thig tairbh ar fearta?”

Cha do dh’amais Iain air a thapadh; oir chuir lùb na ceist’ a bhriathran car air seòdal.

Ach mu dheireadh thall, dh’éirich inntinn os-cionn