Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/165

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
147
TURUS NA CRICHE

an eadar-da-liunn anns ’na chuir farraid Mhic an Tòisich e.

“Na’n robh mo thi’n a-mach air meigh na teabaideachd,” labhair Iain le ealamhachd nach bu dual da, “chuir do bharail thar mo threothair mi. Ach cha’n ann mar sin a bhitheas. Fhuair Rob Crotach bealach air mo cheann-uidhe gun teagamh; ach gabhaidh cù marbhadh gun a chrochadh. Is ma tha sibh lium ’san togradh, tha gnothuch a cheart cho àraid, a bheireadh mi-fhin, is sibh-se a chuir càin is cuairt air dùthaich Mhic Leòid. Oir ’s ann ’na àm a tha sinn!”

“Na’m b’e so buileach na bha fo’n earail agad,” thuirt Alasdair ’s e toirt sùl ceithir thimchioll an adhair, “cha bhiodh ni h-eadh ’sam bith air dé bu chòir dhuinn a dheanamh. Nach’eil e cheart cho [1]riatannach càin is cuairt a chur air dùthaich Mhic ’ic Ailein an Uidhist ri Leòdaich Dhun-bheagain?”

“Hala! Hala! bhobaig!” dh’eadar-labhair Gilleasbuig an gearradh facail. “Is math nach’eil eòlaich ’san éisdeachd neo ghabh iad blas a’ chrogain de ar ceann-comhairle. Nach treabh sinn an t-imire tha romhainn an toiseach mun teann sinn ri achadh coimheach a ruamhar. ’S e sin a theirinn-sa, co-dhiùbh.”

“Agus mise leat,” dh’ath-leasaich Iain. “Tha sinn uile air an aona ràmh, cho fad ’s a bheir mo thuigse mi. Bho’n a tha sinn ann, c’arson nach deanamaid dà thurus dhe’n aon shaothair. Freagraibh foghainteach, ’s bi fir Bhreacais againn mun seall sibh uaibh. Dé their sibh? An dean sinn Dun-bheagain is Uidhist dheth?”

  1. iomchuidh.