Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/135

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
117
IAIN RUAIRIDH, MO CHEIST!


“Cha ’d rinn thu sin fhein, Iain,” thuirt a mhàthair le gàire; oir bha sùil bhàigheil aic’ air Eilidh. “Cha d’rinn thu sin fhéin; agus is math m’ fhios air cuideachd. Oir cha’n ’eil ceannard tighe no teaghlaich na ’s feàrr na thu, eadar so is Rudha Shléibhte no eadhoin Lunnain ged is mór am facal e.”

“Cuimhnichibh gur e cabhag a tha air Eilidh, ’s nach e chaochladh,” ars’ Iain a’ cur stada air clatar na caillich.

“Ged a bhiodh cabhag nan seachd cabhag oirre, tha fios agad gur h-i ’n fhirinn a th’agam,” fhreagair ise le sùrd, ’s i cumail na fearrsaide a’ dol mar gu’m biodh seòladair a’ tomhas na doimhne. “Tha thu faicinn, Eilidh, gu bheil an snàth so air a dheanamh le dath-an-t-sùith’ agus crotal. ’S ann airson oir na plaide tha e, agus bheir mi mo ghealladh nach bi mur a bhitheadh ’san fhighe aice.”

“Togaibh de ’r cainnt,” thuirt Iain gu h-aithghearr. “Tha barrachd air ar n-aire ’n dràsda.”

“Is duine gu d’ chùl thu,” labhair Eilidh, “agus roghainn nan gruagach.”

Cha b’ann gun a’ bhuil a chual Iain an gean-miodail, Dh’fhairich e fhuil ag at ’na chuislibh, agus a’ ruith le glag-bhuille troimh chridhe; agus mhionnaich e eadar fhiaclan a bhi dìleas dith.

Oir bha sùilean blàth aig Eilidh; mala air cumadh ite ’n duibh-eòin, cneas àillidh mar chanach an t-sléibhe agus dual-fhalt air dhath na h-àirneig. Mar ubhal an abuchaidh bha gruaidhean mìn-dhearg, agus mar bhruadar bàird a bilean tana.