Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/136

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
118
AN T-OGHA MOR

Ghiar-bheachdaich e air na buadhan so ’na rùn, agus bhòidich e dha fhein gu’m biodh Eilidh ’na bean da thigh.

“Tha mi airson bruidhinn riut aig ceann na bàthcha, Eilidh,” chagair Iain, agus e deanamh seasamh suiridhe ri ’taobh.

“Ubh! Ubh, Iain!” dh’ éubh a mhàthair, “tha sùil a’ phòsaidh ’nad cheann a-nochd, neo is mise cat do nach aithne blas a’ bhainne. Agus ’s e mi-fhin tha geal-thoileach leis. Droch fhàs air a’ mheasan, Eilidh, mo cheist! mur a figh mise plaide cho math ’s a chuìbhrig leannan, no bean òg. Bi tapaidh, Iain, agus gheibh thu bean-phòsaidh cho math ’s a sheas ri taobh ceatharnaich. Siùdaibh, ’s mo bheannachd agaibh.”


II

Bha chailleach cho trang leis an fhearrsaid ’s nach fac i gu’n d’ fhalbh Iain agus Eilidh a-mach.

“Nach robh mo mhàthair ceart ’na barail mu d’ dhéigh?” labhair Iain nuair a sheas e fhein is Eilidh aig ceann na bàthcha.

“Leig le do mhàthair an ceartair, agus éisd ri nì ’tha cur am barrachd cùraim orm—an t-aobhar, tha mi ’g iomagain, a chuir mi ro fhaoin gu taobh.”

“Gabh mo leisgial,” ars’ Iain, ’s e toirt bruthaidh do’n ghairdean a bha deanamh cromaig air Eilidh—an àiteigin.

“An cum thu ri d’ ghealladh, Iain, ma tha gnothuch m’earbsa an lorg cunnairt? Abair gu’n toir e thu an ceannairc ri do Cheann-feadhna—a’ bheil mi