Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/134

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
116
AN T-OGHA MOR

“Có tha stigh?” ars’ an nighean òg. “Fàilt ’san tigh so!”

“Fàilt ort fhein!” fhreagair a’ chailleach le guth caoimhneil. “Dean suidhe ’chaileag is gheibh sinn do naigheachd. Eirich ’Iain, ’s dean àite-suidhe do dh’ Eilidh.”

“Cha ’n e suidhe ’th’air mo mhanadh,” thuirt Eilidh.

Chuir crith-fhuaim a guth ioghnadh air a’ chaillich, agus dh’ amhairc i gu giar oirre.

“An Sealbh ’gad chuideachadh!” ghlaodh ise, “gu dé an t-aon nì tha ceàrr ort?”

“Mu’n dubhairt sibh fhein, a mhàthair!” labhair Iain, ’s e caitheamh a shnàthad-lìn gu taobh. “Tha rudaigin ceàrr, neo cha robh gruaim air Eilidh. Gu dé air talamh na Criosdachd a chuir mu’n cuairt thu? Có chuir dragh ort, Eilidh? Oir ma’s duine e, cha ’n fhaigh e as làrach nam bonn gus an dìoghail mis’ air.”

“Có! Có! ach Mungan dubh nam briag!” fhreagair Eilidh. “Oir tha iad uile aige, is feadhainn a rinn e fhein.”

“A! thubhairt thu e. Cha chreidinn aon nì còir air an t-seana bhoiti. Mur a’bheil mo shùil ’s mo thuigse air uideil, s ’e am fear-bráth a tha’m Mungan. Cha bhuannachd do chùis a’ Phrionnsa ’leithid a’ theachdaire.”

“O! Iain, c’àite an tòisich mi?” thuirt Eilidh, ’s i cromadh a cinn.

“Aig Iain Ruairidh, mo cheist!” fhreagair an ceatharnach tapaidh so, ’s e toirt car uaibhreach da bhodhaig, buille boise da bhroilleach, agus sùl-tharsuinn air a mhàthair. “Cha’n fhaca mi am fear sin fhathasd a bheireadh dhiom e.”