Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/110

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
92
AN T-OGHA MOR


sùil mu’n t-sròin,—am Prionnsa sheachnadh. “Oir,” ars’ esan, ’se teothachadh ri chuspair, “tha cuilbheartan ’na bheachd a bheir aobhar nàire do’n ionad ’sam buannaich iad. Ma chaochlas a’ Bhan-righ, bidh t’athair an cunnart a bheatha.”

Gun chothrom smachd no gearain a thoirt do Mhairearaid, thug e cunntas mean air na chual e le farchluais ann an Luchairt Hamptoin.

“Stad!” chaisg i an ealamhachd. “Na di-chuimhnich mionnan do sheirbheis mar shaighdear. Tha tuaileas a’ cur ort, neo cha bhristeadh do ghuth an aghaidh do Phrionnsa.”

“Prionnsa! Puth!” Mhag e gu dàna. “Prionnsa nan leomann, hiri um bì! Ach,” is e ’dreamadh aodainn “tha mo Phrionnsa-sa far nach iarr cogais caisleachadh, mu’n d’thuirt an t-Ogha Mór, mo charaid. Oir cha’n ann idir clì a bha e, nuair a thuirt e, nach b’aobhar-uaill do shaighdear—seasamh claidheimh ann am muinntearas Prionnsa, nach fheàrr a dhol-a-mach, na umbaidh na h-anameasarrachd.”

Thug Iain an aire gu’n robh Mairearad fo léireadh trom; ach is beag a shaoil e gu’n robh cuspair a h-iomagain an àit’-éisdeachd da ghuth. Oir có, ma dh’ìnnsear e, a bha ann an cuba-chùil a’ farchluais, ach am Prionnsa Frederic, fhein, leis a’ Mhoraire Godo ’na chois.

Cha’n ann nuair a bhios ùidh air mheigh bu chòir naigheachd fhiaradh. Ach a-chionn ’s gu’ bheil beus-chliù bana-Ghaidhil an doillearachd, cha cheil mi na ghabhadh a leisgial.