Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/109

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
91
EARRAIG CHEILIDH


faigh an fhìrinn togail, bhual an t-àrdan e cuideachd. Thainig tòcadh mu lùib nan aisnean aige. Is na’n cuireadh e dealbh air aigne ’san dearbh àm, cha b’e ciall nan òigh a gheibheadh a bheannachd.

Gonadh orra seach plàigh! chnuasaich e le cùib. C’arson a chuir nàdar a leithid de charan annta? Dhiùltadh dhomhsa na cleasan, co-dhiùbh, a bheir gu buailidh iad.

“Ceadaich dhomh foighneachd dhiot a’ bheil sùil agad ris an dotair air ais an tràth so?” dh’fharraid e ann an casadh-facail ’na bu bhioraiche na chòrd ri Mairearaid, a bha nise fo iomagain a-thaobh a h-athar.

“Cha bhi sùil agam ris gus an cur e cùl ri ghnothuch; na’s lugha na gheibh mi fios an atharraichidh bhuat-sa.”

’S e dòigh neònach a th’aic air sgial-rùin a ghabhail, smaointich Iain; agus mar an ciadna, nach biodh e ’na shùgradh ti’n an aghaidh a’ chuilg oirre.

“Thainig e ’na m’inntinn,” chùm e roimhe, “gur a dòcha gu’n tug am Prionnsa fios air choireigin mu thimchioll dhut.”

“Am Prionnsa!” dh’aithlis Mairearad, mar le ioghnadh. Ach na’n do thachair do dh’Iain a shùil a bhi oirre-se, an àit’ air a bhrògain, chunnaic e gu’n d’fhàs an dearg na bu truime ’na gruaidh. “Am Prionnsa!” thuirt i rithisd. “Có rinn teachdaire dheth?”

Ah! rùnaich Iain, tha saobh-shruth ’s a’ ghlumaig nach aithne dhomhsa; is ghabh e dragh dheth—cha’n ann air a shon fein, ach i bhi ’cur an géill a tograidh air spiris bho nach tig ach tuisleadh maslach.

Thilg e doicheall air chùl, is chomhairlich e dhith,—