Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/108

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
90
AN T-OGHA MOR


Mairearad a’ cumail an tuilleadh aire air an uinneig ud; na bha ti’n fodha gu socrach.

Thuig e mu dheireadh nach gearradh e leum Iain ’ic Eachainn gun fiachainn ris.

“Tha Bhan-righ fad air ais,” thòisich e, mar gu’m biodh sealgair a’ gabhail bealaich air fiadh. Cha robh math dha sgèan a chur oirre. “Chaidh t’athair a ghairm da h-ionnsaidh. ’S fheudar gu bheil i na’s miosa, neo cha d’fhuraich e leatha cho fad.”

“Cha mhath do naigheachd,” fhreagair ise le guth cho trùmhal ri fàsgadh pìob Mhic Cruimein air ghléus. “Cha d’ iochd do’n rìoghachd mar a tha i, ged nach tigeadh an còrr ’na caraibh. Am fac thu ri bruidheann e?”

B’e so a chothrom; is thug a’ mhoit leum air an duilleig aige.

“Cha’n fhaca buileach,” thuirt Iain, ’se car ’ga dùr-amharc. “Ach chuala mi an còrr ’na bheannaichinn mu dhéigh, airson sin.”

“Na cur eagal orm!” bhac i, ’s i ag éiridh ’na seasamh; gluasad a rinn Iain cuideachd.

“Ni h-eadh,” ars’ esan. “Ach tha e mar fhiachaibh orm do chur ’nad fhaireachadh. Oir is e sin a thug an so an dràsda mi.”

“Mur a’ bheil bhuat ach mo chur ’nam fhaireachadh,” chronaich i, “aidicheam gu’n deachaidh do thurus cheana leat.”

Mhothaich Iain, mar mhilleadh biodaig’ air bachoid, nach do chuir e bladh air ìnnseagraich; is ghabh e boil nach do leasaich a shuidheachadh. Ach ma’s e ’s gu’m