Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/111

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
93
EARRAIG CHEILIDH


IV

Aréir sgrìobhadh an Ogha-Mhóir bha fòtas innte. Ach cha chreideadh Iain Pìobaire sin bhuaidhe. “Oir,” ars’ esan rium, “ged a tha miar-dhìtidh aig oirre fad an t-siubhail, cha robh i cho coma ’s a chur e am fiachaibh dhith—gu h-àraid air an oidhch’ ud. A-rithisd, bha i tuilleadh is òg airson buidseachd nam ban a thoirt an toirmeasg. Is e an rud a bh’ann. Cha d’ràinig am Prionnsa nuair a gheall e; ach an ath-oidhch. Chumadh a h-athair aig leabaidh-eothair na Ban-righ. Mar a bhios an dàn a’ deilbh fhuair am Prionnsa Mairearad leatha fhein. Ma bha, no nach robh i diombach dhe ghluasad—tha barail neònach aig an Ogha air a’ phuing sin—thainig Iain Ruairidh air chéilidh goirid an déigh daibh suidhe ri seanachas. Rud eile. Ràinig an spagallan moraire sin, Godo, còmhla ris a’ Phrionnsa. Ach ged a ghabh iad àite-suidhe mu-seach, cha b’ fhada gus na dh’iarr Godo peann is dubhaich. Fhuair e, co-dhiùbh, leisgial air dol gu ruige seòmar thar-leith. Is bha e ann an sin a’ teagnadh le éud is farmad, nuair a chur taghal Iain Ruairidh an cùiltearachd bun os cionn. Nise, laochain!” lean m’fhear-sgeòil, a’ toirt sgailc air a leis, “is i so blonaig na mearachd aig an Ogha thaobh beusan Nic Uaraig. Tha thu faicinn? Cha robh am Prionns’ ann an sid ach air foill. Cho luath ’s a chunnaic e gu’n robhas a’ leigeil neach eile stigh, dh’iathlaidh e,—air eagal a bhrath—a dh’ionnsaidh an t-seòmair sin anns an robh Godo, ma’s-fhior, a’ sgrìobhadh. Ghabh Mairearad tàmailt nach robh beag; oir chrùb e air falbh gun fiù ’s a cead iarradh, no