Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/102

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
84
AN T-OGHA MOR

an Ogha Mhóir air. “Oir tha leithid de chuilbheirtean aognaidh a-measg nan Gall ’s nan Sasunnach,” ars’ Iain, “’s nach bu chòir do dhuine, ’sa thoinisg aige, ti’n thairis orra gun a bhi ’na fhaiceall có chluinneadh e.”

Fhreagair mi gu’m biodh e cheart cho iomchuidh da, sgial rùin a chleith air na clachan, is ormsa.

Thuirt e rudaigin, nach b’ann de na h-eòin mi mur a biodh an gob orm. Is thuig mi bho sin gur h-ann cho teann ’s g’an cumainn mo theanga fo’m chùlaig, bu luaithe thigeadh cinneas air m’fhoighidinn.

Bha Iain an còmhnuidh fileannta. Ach thigeadh mughadh trom ’na ghuth, nuair a dhealaicheadh a chòmhradh ri ionadan eòlach a chuairt.

“Ciod i an fhéill,” dh’fheòraich e, mar gu’m biodh e gabhail cothrom ùird air bàirnich, “air an ceannaicheadh tu an toil-inntinn tha’n ceartair mu d’ choinneamh?”

“Cha’n’eil mi cur teagaimh ann,” dh’aontaich mi. “Ach nach beag ar còir le chéile, araon air saorsa nan àllt, no air siubhal monaidh? Cha b’ann idir air ar soinne chruthaich Dia an talamh ’sa thoradh——”

“Nach ann, a bhobaig?” thionndaidh e cas orm. “’Se bhi ’g altrum beachdan goireasach de’n t-seòrsa sin, a tha cur-as do dhuinealas an t-saoghail. Innis dhomh-sa c’àite bheil guth-nàdair ann an adhar, uisge, no’n teine, a’ comharrachadh an talaimh ’na imirean, airson peirclich de dh’uachdrain?”

B’e so mo chothrom air a thoirt gu clais-iùil a naigheachd; is fhreagair mi car grad, gur a dòcha gu’m b’e sin a chuir Fear-Scalpaidh, ’san t-Ogha Mór do