Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/103

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
85
EARRAIG CHEILIDH

Lunnainn. “Tha e coltach,” lean mi orm, “nach do chuir e dad a-stigh ri h-aon seach aon diubh?”

“Tha thu ceart, a bhobaig!” thuirt e le gàire beag, fanaid; “ach cha mhise thuirt riut e. Thainig mar is aithne dhuinn, beò an Ogha Mhóir air ais gun teagamh, ged a dh’éirich gu h-olc do’n fhear a bha e ’na chois.”

Fhuair mi nis e air slighe mo bhreithneachaidh. Ach thug mi ’n aire gu’n robh ’na rùn, mar a chaidh do dh’ àmhuiltean duachnaidh a’ Phrionnsa Frederic, a leigeil seachad. Cha b’e so a bha dhìth orm. Is thuirt mi gu’m b’ iongantach a’ Bhan-righ a bhi marbh, goirid an déigh a turuis do thigh a’ Mhoraire Godo?

“C’arson a chuireadh sin annas ort?” labhair e, mar gu’m biodh e gabhail mì-chin de’m fhaoineis. “Sasunnaich!” Ha! Dé ’dh’earbadh tu riutha? Cha’n’eil de cheol-gàir’ aca-san, ach a bhi murtadh ’sa’ clamhadh a’ chéile. Cha mhomha orra sid beatha duine thoirt air falbh na bhi buain phuinneag. Coimhead air an fhear mhosach dhiubh aig an robh sealg a’ Chaoil.”

Bha fios agam có air a bha e tighinn; ach dh’fhoighnichd mi dé bhathas a’ cur as a leith.

“Am madadh!” thuirt Iain. “Ged nach biodh ann ach an dìol a rinn e fhein, ’sa spaidseirean air bràthar-do-mhàthar ’s gun e ach ’na bhalachan. Rug iad air mu’n Fhéith-sheilich latha, is e as déighinn dìonaig a theich bho’n fhang gun a rùsgadh. Bha feum aca-san far an robh iad, neo cha tug an casan fhein riamh do’n dachaidh iad. Na bogalain ghealtach; ’s iad bu chollaiche ri bru-dheargain le luirgnean feadaig a