Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/101

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
83
EARRAIG CHEILIDH

Cha’n’eil mi idir gun chuimhn’ air a’ ghròcadh a thug e orm, nuair a dh’iarr mi ceann-fìnid a chur air mar a dh’éirich do Mhairearad, nighean an Dotair Mhic Uaraig. Ach fhuair mi lium e air a’ cheann-thall. Is ged nach bu dheòin da thogradh e, chàraich e sùil m’inntinn ann an lùchairt Rìgh Seòras air ais.


II

“A bhobaig!” thionndaidh e gu cothromach, réidh mar gu’m biodh aigne dol air claoidh na h-aineoil, “nach iongantach gnè a chreutair ri dhùthchasachd. Tha sinne an so, is ar tlachd ann am bith nan gleann; torman àllt ’n an siubhal; tulgadh a’ chanaich le osaig; ceileireadh subhach na h-ealtainn; machair ann an gorm a sàtha; am fraoch fo bharr-guc ’san fhireach; glas a’ chrotail air stallaidh; am bradan a’ leum ri cuileig; glog a’ gheòidh air lochan-feòir; éilid le sgèan ri bruthach; géum bò-laoigh ’s i làmh ri h-àl; fonn banachaig a’ ti’n gu buailidh; srann an t-seillein air los mealaidh; is àileadh cùbhraidh na roide, nuair a bhrùchdas an t-iuchar le blàths. Ach that thusa bhobaig! ann an earail do dhìochail a’ foghlum bho luchd-àitichidh Bhabaloin.”

B’e so an t-ainm-tilgeannais a bha aige air bailtean-mór a ghonaidh.

Cha robh mi airson arabhaig ris; cha bhiodh stàth dhomh ann. Tha cuid—mar a ni Leódhasaich—a ghabhas ri taod, is béileag. Ach cha b’ann diùbh esan. Leig mi, mar sin, cead athais ’sa roghainn da.

Thòisich e le bhi caoidh mar a mhilleadh sgrìobhadh