An t-Ogha Mor/14

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
An t-Ogha Mor by Angus Robertson
Ceol nan Claidheamh dearga

[ 205 ]

CEOL NAN CLAIDHEAMH DEARGA

Ge b’e bhios na fhear-muinntir aig an t-sionnach, feumaidh e ’earball a ghiùlain

—SEAN-FHACAL

Fhuair marbhanaich na h’oidhche Flath-mòr nan Leòdach air binnean àrd a chaisteil; is tagradh trom-chnuasachd a’ cur aigne air allaban. Bha fia nan nial mu ’n cuairt; gealach ùr air a coinnil; is sìneadh nan tonn a’ righeadh a’ chladaich.

Caisteal Dhuin-bheagain! Có d’an aithne eachdraidh do bharrabhalla liath-ghlas; no dubh-sgial nan aimsir anns an d’ fhuair beus nan sleagh an sàth? Nach e so a’ cheart ionad—an àm gleidheadh nan dorsan—far ’na shloinn seanachaidh aosda, gineil nan teaghlach?—far ’na chuir clàrsairean trom-ghuthach, cliù nam fear fial ri fonn?—far ’na chruthaich cliar nam pìobairean, cian cheòl a tha fhathasd mar ghléus an co-sheirm nan linntean?—agus, cuideachd, far an d’ fhuair aoidheachd, aig tràth, a duais ann am biodag nimheil an fhir-cheilge?

Fhreagair Mac Leòid nan Leòdach na ceistean ’na rùn. Is dh’ éirich saobh-shruth ’na inntinn a thàlaidh gniomh-cuimhne nan sonn mu choinneamh.

B’ iad sid—ann an seadh, ’san ioma seadh—làithean nan éuchd ’s na h-anacair. Ach nach faod iad amas a-rithisd? Is ann an tigheachd a smuainte, chunnaic [ 206 ] e sac-neòil nam blàr am bagairt-bristidh air beinn is coire. Aon uair eile, ’s bheir luath-chasach ionraic, teine-rabhaidh troimh fhireach nam foill ’s thar uillt ’nan tuil. ’S an uair sin, bidh caitean nan tonn a’ flodradh baic-bhord nam birlinn; is fir ghuineach nan Eilean a’ togail iorram nan ràmh. Ach dé ma bheir fir-gharga Bhàideanaich dhaibh crathadh-dhòrn na h-eascaraid? Nach ’eil fir-fhéitheach Loch-ialla, le faire-feachd ’nan gruaim—iad a’ gleidheadh nam bealach, ’san gàirdean a’ fàsgadh dìon-bheairt nan claidheamh? A-mach bho thuath nan gleann pasgach, éirigh aislingich cholgarra; is fir-dhearbhta nam fuar-fhuil, a bhios cuimseach ’nan righe. Suas! Suas! thar cinn-sgòrra agus mhullaich, cluinnear caismeachd am bial-siubhail na h-oiteig; is ùraichidh càil nam fear-brasa air son éirig fola!

Mar bho ìochdar nan cian, séididh bron-sgal nam pìob;
Is cumaidh siantan air mhire gairm-tionail nam feachd.

Pìob nan dos fuaimneach? A-ha! Tha caithream clia-lùth Mhic Cruimein da-rìribh ’na chluais. Dhrùigh a cheòl eagnaidh air a chridhe gu buileach. Is ann an tiotadh, dh’ aisigeadh a spiorad a dh’ ionnsaidh sìoladh nan cluan—far nach tuig ach Gaidheal a-mhàin, an sgial-diomhair tha aig a’ phìob ri aithris.

Nach ’eil cian a’ mosgladh fo ’geasaibh, ’s a’ toirt foghluim as ùr, air eòin-bhiadhta nan closnach; is ròic nam madadh air cairbh nam fear-catha? Eisd a-nise ri cruaidh-shlaiceadh nan sleagh; is còmhrag nan cunnartan fuilteach. Sin i rithisd—Buille neairt! [ 207 ]Buille-dheas! Buille-bhàis! Seadh! Uillt a’ tòiceadh le fuil; raointean cnapach le cuirp; farum nan lann a’ sàthadh nan ceann, gliong nan clogad ’gan sgoltadh; an nàmhaid a’ tarruing ’s a’ ruaig; ròmhan nam fear-leòinte, agus an t-ian-dubh ’sam fitheach a’ feitheamh ri fuigheal nam blàr.—Cliù! Cliù!—cliù nan sonn mòr ’s a’ bhuan-strìth; fanaid na targaid air claidheamh; buille-biodaig air uchd curaidh; agus duinealas nam fear-òga—b’ e so gnàths an t-saoghail a dhùisg Mac Cruimein le phìobaireachd.

Bu gnè le Mac Leòid, ’san àm, an dealbh ioma-chruthach a leantuinn. Ach thug e ’n aire do dh’ each ’na chruinnleum, is duine ’ga mharcachd, a’ deanamh dìreach air càdha ’chaisteil. Ghairm e gille-feitheamh gun dàil; is chuir e ’na chead, am fear-turuis a’ choinneachadh le aoidheachd na h-àbhaist.

Goirid an déigh so, thearnaich e fhéin a dh’ ionnsaidh na talla-móire, far an robh fleagh fialaidh an còmhnuidh sgaoilte; sgeòil ’gan ìnnseadh; òrain ’gan seinn; pìob ’ga gléusadh; gìll churaidh air bòidhchead; is beadradh diomhair ghruagach. Bha comhart a’ mhial-choin air fhaiceall; dùrdan na h-abhaig ’s a’ chùil, is gnòsad an t-srònaich-luirg ri chluinntinn thall ’s a-bhos. Sùil mu chuairt nam ballachan, chìtear an dòrnlach air spiris an crochadh; an t-sleagh throm, ’s i fiarach air cromaig; an lann ghiar ri taobh na sgéithe, is an claidheamh mór ’na laidhe air sorachan.

Ach có i a’ chearna nach cuala cliù-aithris na ‘Talla bu ghnath le Mac Leòid?’ Nach ’eil e fhathasd ’na shean-fhacal an àm bristeadh nan sgial aig céilidh, mar is minig a thug cruitear nan dàn fainear? [ 208 ]

II

Bu ghille-turuis, Rob Crotach, air ùr-thighinn; ’s chaidh a thoirt a-stigh le fàilte a dh’ionnsaidh aitreabh an t-seadhachais.

“Cia as a thug thu do mharcachd?” dh’ fhoighnichd Mac Leòid, ’s e ’ga smèideadh gu taobh.

“Gheibh sibh leisgial mo ghnothuich ann a’ so,” fhreagair Rob Crotach a’ lìbhrigeadh litreach. “Agus tha ’brigh ’n ’ur cead.”

Léugh Mac Leòid an litir.

“Thoir beannachd bhuam-sa do ’n Ridire Tholmach,” labhair e sin le mùchadh feirge. “Ach innis dha: ge b’ e a’ bhòid a bheir Mac Leòid, no am facal a thug e ’n Dun-éidionn, nach ’eil e ’n rùn an seachnadh aig lath’ an dearbhaidh. Air son sin deth, na leig dhomh a dhi-chuimhneachadh gus a’ bheil gille-gnothuich mo nàbaidh air adharc a cheann-uidhe,” agus dh’ fhàg e Rob Crotach ann an comunn cuaich is cuideachda.

Cha do dh’ fhuirich Mac Leòid ro fhada ann an talla-na-cuilme. Chaidh e mach; ach cha b’ ann gu gabhail mu thàmh. Oir bha luasgan air aire ’chuir iomchoir an àite cadail.

“C’arson a’ tha’n Ridire Tolmach a’ cur Mhungain Thuathail ’nam chomhairle-se?” chuir e ris fhein air seòl agus a-rithisd. Ach mu’n tainig co-dhùnadh gu bith, có ’bha ri ’chrudha gu bog, balbh ach Mungan—bodach-earraid Foirbeiseach Chul-odair airson na bha dh’fhios aig Mac Leòid air a’ chaochladh.

“’S ann ort dìreach a’ bha mi tighinn an ceartair!” thòisich Mac Leòid mur nach cuireadh Mungan a bhi [ 209 ]’san làthair, an t-annas bu lugh’ air. “Ach ciamar fo adhar nan rionnag a thainig thu’n taobh-sa? Agus c’uin?”

“Mu tà!” fhir-Dhuin-bheagain, labhair Mungan gun a cheann a shnaoitheadh—“oir ’s ann ri ràdh ribhs e—cha’n ann a’ toirt droch fhreagairt a tha mi; ach na robh fios-nam-fàth agam, cha b’ e gille beurrach an Ridire Tholmaich, a thug fios-fuadain an toiseach do cheann-cinnidh nan Leòdach. Biodh sin mar a tha e. Cha’n ’eil a’ chlach na’s dlùithe do’n làr na tha cobhair Choibhi. Tha dìreach—seadh!—tha latha na mi-thlachd teann air làimh. Ach ’s e guidhe nan càirdean nach faighear Mac Leòid ann an coileach an t-struith. Creidibh———.”

“Bial-sìos air do theangaidh!” chaisg Mac Leòid gu grad-ghuthach. “Bheir fionnaireachd binnean-freadhairc a’ chaisteil solus dhomh, ’nuair a bhios iomairt toile an teagamh. Thig lium!” agus rinn iad le chéile ceum-cabhaig an dìridh.

Air dhaibh an taicse ’leagail air an uchd-bhalla, chaidh iad an ceann còmhraidh a bha, araon, eagnaidh agus faileasach.

“Tìr-nan-Og!—An e thuirt thu?” labhair Mungan anns an dòigh ’san deanadh bàrd strìth ri druid-smuaint—“Is seilbh an fhìor Ghaidhil i. Oir ann a’ sin, tha inneil-sheilg is thuasaid air sparran na sìth’ an crochadh; suinn aig cuilm nam buadh; am fìon donn-dhearg, bideanach, clis, gu pailt a’ struthadh; i! sligean-cinn a’ naimhdean, mar rogha nan cuachan-òil s Saoilidh mi gu bheil spiorad na taibhs ga mo chur [ 210 ] thuige. Dé ’tha soillse a’ deanamh air gualainn a’ bhruthaich ud shuas?—Rabhadh, gu bheil eòlaich, is càirdean a’ falbh fo iùil a’ chrois-tarra, ’s a’ luath-ruith gu rathad an dealachaidh. Fiathach, ’s mar tha’n oidhche, cluinnidh mi siabadh na h-osaig o’n mhór-thir, is bròn na h-ionndrain ’ga h-iomairt. Ach c’arson?—A! Leònar an triath òg ’s a’ chath. Gheibh am bàs a chuid fhéin—an tosgaire minig nach seachainn rìgh no tràill. Eisd! Tha caithream aig siantaibh siùbhlach a’ giùlan a spioraid thar aiseag nam marbh——.”

“Agus,” thuirt Mac Leòid le an-fhoighidinn, “aig ceòlraidh nan seanar a’ toirt fàilte da dhreag a dh’ ionnsaidh Innis-nam-flath!”

Ach dhealaich iad mu dheireadh ri nàisinn cian-as nan linntean. Agus tha nis an seanachas air an teachd aireachd dhìomhair ’tha ruith eadar fir fhearuinn ’san luchd-dàimhe, ach gu sònruicht air an Ridire Tholmach agus an turrag a dh’ éirich do ’n Ogha Mhór ’s do dh’ Iain Ruairidh an Lunnain.

“Tha e fìor nach fuiling onair clùd, mar a thubhairt sibh,” labhair Mungan gu cealgach, tiamhaidh. “Ach seallaibh air aimhleas nan tubaistean-foill, a dh’ fheumas a bhi lorg buaireadair fola, is ceannairc na h-aramach. Oir cha leig aidmheilich a’ Phrionnsa ’leas dùil a bhi aca ris a’ chaochladh.”

“An e sin rùn Mhic-Shimidh?” cheasnaich Mac Leòid le amharus. “Tha fios chean’ agam dé ’m port a th’ air meòirean Foirbeiseach Chul-odair.”

“Cha’n ann le àbhachd a’ chaislichear do Mhac Leòid a leabaidh. Ni momha na sin, a shìneas Mac[ 211 ] Shimidh làmh na h-airce do chridhe na circe.”

“Fàg deothal nan dubh-fhacal aig do sheanmhair, sìth gu’n d’ fhuair i!” thuirt Mac Leòid le gruaim. “Innis dhomh dé tha’m beachd nam Frisealach a dheanamh.”

“Dìreach so!” fhreagair Mungan ’s e giùgail—glic, mar gu’m biodh sagart is eallach leabhraichean air—“Dìreach so!—Faodail nan cron fhàgail fo thiùrra bharr-a-làin. Is cha’n ogha ’n t-seanair thu, nach dean buil do dh’ fhios-fa-leith. ’Nuair a chi thu Mairearad Nic Uaraig, tuigidh tu earail dùrachd an duine-ghlic da charaid.”

Thug Mac Leòid sùil air fhiaradh—seòlta mar fhiosaiche ri fanaid.

“A-chionn ’s gu bheil t’eòlas a’ cur bacail air t’abartachd,” labhair e gu slìm-ghuthach, “cuiream thu fhein a-nise ’na t’fhaireachadh! Is math a rinn thu tarruing asam. Ach cha bhi faiteas air Mac Leòid ’nuair a thig fàs air a chìrean, agus rud ’na char nach còrd ris. Mar sin! ’s dòcha nach bi ’n oidhche idir cho righinn, ’s nach glac bial-gormadh a’ latha thu, is sùgan mu t’amhaich ri taobh-àrd na clisnich!”

“Faire! Faire! fhir-Dhunbheagain!” dh’ éubh Mungan, ’s cha b’ann gun athadh. “Tha e coltach gur h-e ’m beag an leisgial a bheir a’ chailleach do ’n chladh—”

“Gonadh ort fhéin, ’s air do shean-fhacail!” mhionnaich Mac Leòid ’ga stad. “Ciamar a tha Cloinn ’ic Fhionghuinn an t-Strath?”

“Tha dìreach—tha iad dubh is dona, mar a bha [ 212 ]casan Uisdein. Ach cluinnidh tu ’n còrr bho Nic Uaraig.”

“An tug thu tarruing a-rithisd oirre? Có ise?”

“Sin thu nise! Thalla! Có gu dearbh! Có, ach bana-charaid Mhic-Shimidh—teachdaire diomhair Dhiùc Earraghaidheal—driod-shuileach chlaon Righ Deòrsa; agus orra-ghràidh nam flath, maille li iomadh ainm is far-ainm eile.”

“A’ bheil i thar aois pòsaidh, a Mhungain?”

“Cha’n òigh gun mhealladh a th’ann a’ Nic Uaraig.”

“Co dhiùbh: ’s i bhios ann ’nuair a thig i!” dh’ atha-leasaich Mac Leòid le snomha gàire, chuireadh farmad air Conan.

“Mu’n dubhairt sibh, Fhir-Dhunbheagain!” dh’ aontaich Mungan, is giorag an t-sodail a’ deanamh fadhail da sheòltachd. Tharruing e ceum air falbh; ach dh’ fhuirich Mac Leòid ’na thosd, ’s a chorrag air ’fhaiceall.

Bha nis an oidhche air ruith gu deireadh; is féisdirean a’ chaisteil air poca-cadail, bho nach cluinneadh Fionn pìobaireachd, ach mar ghaoir sheillean. Bha Rob Crotach, le each is taod mu chluasan, a’ deanamh tillidh gun chabhaig do’n t-Strath. Greis ’na dhéigh, thràigh Mungan Tuathal deoch-an-doruis a làimh Mhic Leòid fhéin, gun fiù ’s am fios a mhalairt, gu’n robh sgioba ’s birlinn ’ga fheitheamh aig bun Loch Ghrìsirnis.

“Cha do dh’ fhalaich càrn madadh-ruadh a bheireadh an car a Mungan, ge b’e có ’n riaghach is daoine dha!” mhonbhuraich Mac Leòid fo ’n aisne ’san gineadh am fear-crosda mionnan. [ 213 ]Thionndaidh e a-stigh air ais da chaisteal; ach b’ ann le bruaillean a chuireadh am mac-mollachd a dh’ fheadaireachd. Smàd e Domhnull Mac Leòid a Uilinis—fear de chinn-uasail air a chois. An déigh cleas an t-sealgair earbs as, chuir e mar fhiachaibh air fhein ’s na leanadh e, lorg is fàireadh a chumail air Mungan.

Ach mun a thachair dhaibh bacadh a chur air a ghluasad, no tilleadh air a theangaidh, bha Mungan an déigh cogar na h-aimilisg a’ leigeil mu-sgòid air feadh feachdairean a’ chaisteil. Thug e, ma’s fhior, rabhadh àraid gu’n robh buidheann de Dhomhnullaich Shléibhte air los tuasaid ’s an astar. Cha luaithe dhùisg e an t-amharus na rinn àireamh de Shìol Leòid air ceann-aghairt am brosnuchaidh. Is mun d’ fhuair iad a-mach gogaireachd an turuis, bha iad ’a cur chlaidheamh air faobhar ri Iain Ruairidh ’s a sgioba.


III

Bha ’n iarmailt fhathasd cho bàlbh ri corp ’s an ceann deth. Tha cuimhn-aithris a’ toirt cunntais, gur h-ann air a leithid eile dh’ oidhche, a thainig Rath-mór-a’-spuinnidh bho Lochlunn, mu thuath! Cha robh de dheò a adhar, na ghluaiseadh topan a’ chanaich. Is gann nach cluinneadh fear-aire cogar na caillich-oidhche ris an dialtaig, ’nuair a phriobadh a sùil leis an taibhs: Fuil! Fuil! Tha latha na dò-bheairt tharainn!

Fad finn fuaineach na h-oidhche, chìtear gillean-greasaidh, is coise, air rathad Dhun-bheagain—a-measg chàich, Mairearad Nic Uaraig. Coimhead a-nis i ann [ 214 ]an diomhair-comhairle ri ceann-feadhna Shìl Leòid. Mo thruaighe! Ma thréig Mac Leòid a ghealladh, cha do dh’aom e a dh’easbhuidh rùn-casaide. B’ ainnir nan dreach, teachdaire Foirbeiseach Chul-odair. Is có e am fear sin air nach tigeadh tiomachd fo theas-lasair a sùla? Nach robh i àrd ’na cruthachd; cumadail mar iùil-choimeas nam bàrd; a pearsa so-lùbaidh mar an seileach ’na ògan; agus a snuadh aice bàn-dhearg mar shlige-chreachain air ùr-fhosgladh?

“Cha b’e turus an dìomhanais mo thi’n ’nad rathad,” labhair i le ceòl-ghuth drùighteach leis an deanadh cràinn buidseachd. “Ma sheachnar foghar nam bann trach, is ann aig Mac Leòid na’n Leòdach a bhios a’ chomaine.”

“Tha dòchas agam nach tig eas-chliù an lorg m’ aomaidh,” fhreagair Mac Leòid, is cha robh e sunndach. “Ach ged is ciall dhomh gun éirigh leis a’ Phrionnsa, cha do gheall mi feachd ’na aghaidh.”

“Gabhar t’fhacal far nach iarrar t’urras,” thuirt Mairearad. “Ach nach mór an t-earras aig latha nan càs—tog adh Mhic Leòid ’na dhlighe? Faic Mac Neacail as an rathad. Mo dhi-chuimhn! Ciamar a dh’ fhàg Mungan thu?”

“Eadar mo làmh ’s mo thaobh, mar gho-uisge, tha aithreachas orm.”

“Dé ’chuir air shiubhal cho grad e?”

“An éiginn, saoilidh mi,” arsa Mac Leòid—“an rud a chuir an earba ’san loch! Is ioma teachdaire neònach a tha dol. An cual thu riamh mu Mhac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil?” dh’fhoignichd Mac Leòid. [ 215 ] “Thalla! Cha tuit caoran a cliabh falamh. Tuigidh mi nise am port ’tha air a mheòirean. Cha ’n e seanadh no Prionnsa a chuireas Mac Fhraing fo ’n choill, a mhallairt nan arm. Tha mi trom air mo mhealladh, neo tha e nise air cnoc-freadhairc, is fuil tuasaid ’ga dòrtadh. Ach bidh fios air so a dh’ aithghearr. Chuir thu ceist dhiomhair rium bho chionn tacain. Faodaidh mi ìnnse dhut a-nise gu bheil am Prionnsa ’san dùthaich. An còrr na iarr ’s na aithris bhuam.”

Mu’n a chuir Mairearad dreach air a h-ioghnadh, có thainig an rathad ach gille-ruith le rotaich, agus fhuil ’ga dhalladh.

“Dé! dé is leisgial do d’ chàradh?” dh’ fhoighnichd Mac Leoid le uamhas.

“Dé ach a’ mhi-shealbh,” fhreagair an duine, “ma sheasas ’ur foighidinn naigheachd an tuaireip. Fhir mo chinnidh, tha’ n cupa làn duilich ri ’ghiùlain. Ma rinn Mungan Tuathal car-mu-chnoc air tòir-fheachd nan Leòdach, tha bhlàth ri fhaicinn anns a’ bhealach ud thall. Is daor a cheannaich sibh air éirig ’ur n’ amharuis—”

“Cha cheòl eòin do cheilearadh, a Mhic Leòid Uilinis,” ghrad-chaisg fear Dhun-bheagain. “Có a bhrosnuich còmhail nam biodag, agus ciamar a dh’ éirich dhuibh?”

“Có bhrosnuich, ach Mungan Tuathal—sionnach nan car, ma tha fear eil’ ann. Thug mi còmhlan lium bho ’n Chaisteal, ach cha d’ fhuair sinn sùil na fàireadh air duine gus an d’ràinig sinn os-cionn bun Loch Ghrìsirnis. Ach mu’n abradh neach: Dhia beannaich mi! [ 216 ] leumadh ’nar bad bho chùil ’s fo ghiall. Mur am facas Mungan, chualas a ghuth——”

“Cha’n ’eil thu ’g ìnnse có iad luchd nam foill-chleasan,” thuirt Mac Leòid ’ga stad a-rithisd.

“Tolmaich is fear ris an canar Iain Ruairidh, air an ceann,” lean Dòmhnull Uilinis air aghart, “’s b’e ’m baoghal ti’n ’na charaibh. A! mo leisgeul! B’e sid an tràth anns ’na thachair Clann Leòid ri Tolmaich; is mollachd na fola ag at ’nan uganan. Bha taic nam fear-cath ann am biodag air luigh; ach cha robh fear-geilt air an t-sliabh, no fuil-gheal air an fhraoch. Fear mar ri fear, sheas gun athadh; fhiaclan ’gan dingeadh, is ’fhéithean a’ ragachadh le teann-ghreim na làmhaid. ‘Ma tha Dia os ar cionn,’ chluinnt le bristeadh-facail is mionnan,’—‘an rud a tha; ach fàg an gnothuch eadar sinne ’s ’a bhiodag.’ Ged a fhuair mis’ as, tha iomadach fear gun righeadh ’s a’ mhòintich, agus leòn air a shiubhal a dh’ fhàg an cridhe gun phlosg.”

Bhrist an lath ’s an ear; ach cha robh e ’n dàn do dh’ fhear nam béud fhaicinn: chrìochnaich a shaoghal roimh dheireadh a sgeòil.

Thog Mairearad oirre ri slighe nan cron le misneachd. Ach bha Mac Leòid Dhun-bheagain, fhathasd ’s an teagamh-rùin a chuireas cadal air iomrall.

Aig laimrig nan cladach tha e faicinn, mar ann an suain, fir-chlise ri faire nan sgrota; is an sùil a-ghnàth air linne agus fosgladh cuain. Sid i—long-shreathach air fuaradh, ’san dùil innte. Ach a’ bheil am fiùran air a clàiribh a chuireas fuadach air fadal? Mun tig ceann-dubh air a’ ghealaich, théid fir-chalma fo’n [ 217 ] uidheam; is thig sanas-catha le gloc a theumas dlighe ri dual. A! Gheibh am fògrach rìoghail aon chothrom eile—aon oidhearp bàis—aon thogradh nam fineachan brasa; ’s an sin—ceòl nan claidheamh dearga!

. . . . . . . .

Dh’ atharraich an taibhs a tuar. Tha e nise ’faicinn clann bheag ’san fhraoch air seachran: iad ag amharc bhuapa, ’s a foighneachd de chéile le neònachas—‘C’arson a tha na caora-fiadhag dearg air an dath?’