Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/229

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
211
CEOL NAN CLAIDHEAMH DEARGA


Shimidh làmh na h-airce do chridhe na circe.”

“Fàg deothal nan dubh-fhacal aig do sheanmhair, sìth gu’n d’ fhuair i!” thuirt Mac Leòid le gruaim. “Innis dhomh dé tha’m beachd nam Frisealach a dheanamh.”

“Dìreach so!” fhreagair Mungan ’s e giùgail—glic, mar gu’m biodh sagart is eallach leabhraichean air—“Dìreach so!—Faodail nan cron fhàgail fo thiùrra bharr-a-làin. Is cha’n ogha ’n t-seanair thu, nach dean buil do dh’ fhios-fa-leith. ’Nuair a chi thu Mairearad Nic Uaraig, tuigidh tu earail dùrachd an duine-ghlic da charaid.”

Thug Mac Leòid sùil air fhiaradh—seòlta mar fhiosaiche ri fanaid.

“A-chionn ’s gu bheil t’eòlas a’ cur bacail air t’abartachd,” labhair e gu slìm-ghuthach, “cuiream thu fhein a-nise ’na t’fhaireachadh! Is math a rinn thu tarruing asam. Ach cha bhi faiteas air Mac Leòid ’nuair a thig fàs air a chìrean, agus rud ’na char nach còrd ris. Mar sin! ’s dòcha nach bi ’n oidhche idir cho righinn, ’s nach glac bial-gormadh a’ latha thu, is sùgan mu t’amhaich ri taobh-àrd na clisnich!”

“Faire! Faire! fhir-Dhunbheagain!” dh’ éubh Mungan, ’s cha b’ann gun athadh. “Tha e coltach gur h-e ’m beag an leisgial a bheir a’ chailleach do ’n chladh—”

“Gonadh ort fhéin, ’s air do shean-fhacail!” mhionnaich Mac Leòid ’ga stad. “Ciamar a tha Cloinn ’ic Fhionghuinn an t-Strath?”

“Tha dìreach—tha iad dubh is dona, mar a bha