Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/225

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
207
CEOL NAN CLAIDHEAMH DEARGA

Buille-dheas! Buille-bhàis! Seadh! Uillt a’ tòiceadh le fuil; raointean cnapach le cuirp; farum nan lann a’ sàthadh nan ceann, gliong nan clogad ’gan sgoltadh; an nàmhaid a’ tarruing ’s a’ ruaig; ròmhan nam fear-leòinte, agus an t-ian-dubh ’sam fitheach a’ feitheamh ri fuigheal nam blàr.—Cliù! Cliù!—cliù nan sonn mòr ’s a’ bhuan-strìth; fanaid na targaid air claidheamh; buille-biodaig air uchd curaidh; agus duinealas nam fear-òga—b’ e so gnàths an t-saoghail a dhùisg Mac Cruimein le phìobaireachd.

Bu gnè le Mac Leòid, ’san àm, an dealbh ioma-chruthach a leantuinn. Ach thug e ’n aire do dh’ each ’na chruinnleum, is duine ’ga mharcachd, a’ deanamh dìreach air càdha ’chaisteil. Ghairm e gille-feitheamh gun dàil; is chuir e ’na chead, am fear-turuis a’ choinneachadh le aoidheachd na h-àbhaist.

Goirid an déigh so, thearnaich e fhéin a dh’ ionnsaidh na talla-móire, far an robh fleagh fialaidh an còmhnuidh sgaoilte; sgeòil ’gan ìnnseadh; òrain ’gan seinn; pìob ’ga gléusadh; gìll churaidh air bòidhchead; is beadradh diomhair ghruagach. Bha comhart a’ mhial-choin air fhaiceall; dùrdan na h-abhaig ’s a’ chùil, is gnòsad an t-srònaich-luirg ri chluinntinn thall ’s a-bhos. Sùil mu chuairt nam ballachan, chìtear an dòrnlach air spiris an crochadh; an t-sleagh throm, ’s i fiarach air cromaig; an lann ghiar ri taobh na sgéithe, is an claidheamh mór ’na laidhe air sorachan.

Ach có i a’ chearna nach cuala cliù-aithris na ‘Talla bu ghnath le Mac Leòid?’ Nach ’eil e fhathasd ’na shean-fhacal an àm bristeadh nan sgial aig céilidh, mar is minig a thug cruitear nan dàn fainear?