cha b’ann gun ìmpidh a bhi an cois a ghniomhe; oir thainig Mairearad fadheoidh [1]guiniosd’ air.
“Is math a fhuaireas tu,” thuirt i, le sunnd a bha cho farasda ri òigh ’s i sùgradh, do Raitean truagh.
Fad tiotain, rinn e amharc oirre gun amas-facail. Oir shaoil e, ann an da-rìribh, nach b’urrainn creutair coimhead cho àillidh rithe, agus a bhi corporra. Chaidh a bhuaireas am momhaid. Oir ma-dh’fhaoidte gur h-e tuairmse bh’ann, ach bha h-aghaidh nochdaidh ri boisg na gealaich; is a cluas, mar gu’m b’eadh, ag éisdeachd osaig air mhire ’measg mheadhail nan craobh.
“Dh’fhalbh e le bàta,” chuir e am briathrachas.
“Dh’fhalbh có?” rinn ise farraid.
“Iain Ruairidh,” fhreagair Raitean, mar gu’m biodh fios aig an t-saoghal, có e Iain Ruairidh.
“Cha’n’eil mi ga d’thuigsinn,” arsa Mairearad. “An aithne dhut có is daoine dha?”
“Mac bràthar do’n Ridire Tholmach,” fhreagair Raitean; oir bha meòir an t-sloinnidh aige. “Their cuid: Fear-Scalpaidh ris, ged a leig e an t-àite sin am fiadh, riamh bho’n a thainig e air ais a Lunnainn.”
“A Lunnainn,” dh’aithris i mar rithe fhein; is chuir Raitean sùilean air.
Thug a cuimhne sitheadh nan ochd bliadhn’ air ais. Chunnaic i òg-Ghaidheal a’ seasamh a h-ainme fa chomhair mórachd na rìoghachd; is e ’cur an fhir a b’àird’ inbhe diubh gu dhùbhlan. Bha i òg an cridhe an uair-sin; òg an gaol agus òg an cuilbheartan an t-saoghail. B’e Iain Tolmach an duine sin. Seadh! Seadh! Ach,
- ↑ gun fhios