Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/192

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
174
AN T-OGHA MOR

Mar a bhios esan a ni feòrag de chogais, cha robh Raitean buileach foiseal ’na inntinn. Dé, na mealladh i air? Có dha do’m b’fhios gu’ robh i idir saoghalta? Ma’s e bana-bhuidseach a bh’innte, nach d’rachadh i ann an riochd sam bith? Gu dé a dheanadh e, na’n tachradh i ris ann an cruth goibhre, no mar ghlaislig ’ga failceadh ’s ann abhainn? Ciamar a choinnicheadh i e? An tigeadh i bho chulaobh air ’s i snàmh air bharr-duillich, mar a thainig’ a ghruagach air Niall a’ Bhogha?

Airson a’ chiad turus ’na bheatha, thainig gris air Raitean. Cha do mhothaich e riamh gu sid, an seadh a bh’anns na facail: ‘Is ioma rud a tha’n am marbh na h-oidhche.’ Ach cha b’e an oidhche chur an clisgeadh air. Oir is minig, is ro-mhinig a shiubhail e am baile fo mhùgan, gun eagal no athadh. Ach dé dha sin? Fhuair rudaigin greim air. Oir cha’n’eil duine chitheadh a-nis e, a shoileadh gur h-e an Raitean ciadna bh’aca—Dé tha sid?—Leum crom-riabhach le biac, is cha mhór nach tug e éubhach air. Ach ged a ghabh e gné de ghluasad ’s an àm, chuir e an t-eagal air falbh. Goirid na dhéigh chuir e suas bus feadaireachd.

II

Tha e collach co-dhiùbh, nach d’rinn tathaich nan gisraeg móran drùghaidh air Raitean. Oir bha e spaidsireachd car ùine, ’s e ’gabhail phort, mun tainig Mairearad air foirefhios. Bheireadh e sùil, an dràsda ’s a-rithisd ri iadh nam beann ’san astar, mar is minig a rinn Donnachadh, mo charaid, nuair a bhiodh e a’ di-moladh an uaireadair. Ach ma ghlac e misneachd, airson sin,