Chuir an dol-a-mach so dragh nach bu bheag air a’ cheisteir. Ach chum e air ’s e feòrach an dòigh eile:
“I bid ye tell me, gin the Muckle Hoose at Livera be faur frae here?”
“Có an deamhainn a thug biadh gun ionnsachadh dhut?” thuirt Raitean an rathad freagairt. “Nach ann a tha do shruth-beòil collach ris a’ chainnt mhosaich a bh’aig saighdearan ruadha Ghlinn-eilge. Marbhaisg air an ablach cànain a th’agaibh! Théid thu fada, laochain, mun tachair ort na mholas do sheòl-bruidhne dhut.”
Theagamh gu’n a lean Raitean air an tuilleadh càinidh, mur a b’e gu’n a chaill am marcaich fhoighidinn. Thug a’ bhan-uasal goth da ceann. Ma thug, tharruing a gille ’n t-slat-eich; is fhuair Raitean ’na chuireadh bàs a sheanmhair as a chuimhne. Ach bha lùgh cho grad ri shùil. Thug e ’n dudar-leum; is mun a sheall am fear-eile bhuaidhe, spìon e slat as a chipe-chaoil—a thilg e mu chasan an eich. Ghabh an t-each gnè de sgèan. Is mun d’fhuair am marcaiche fo cheannsal e, bha ceann-caol na slaite aig Raitean a’ feadaireachd mu chluasan.
“Cha do thuig thu có bh’agad a sheòid!” arsa Raitean, ’se leum an sid ’s a’ so cho aotrom ri Murchadh-nan-cleas air tràigh mhuirsgein. “Nirre! Bheir mis’ ort gu’n leig thu modh an rathaid leis an ath fhear a thachras riut.”
B’ann ’san uair sin a chaidh a’ bhan-uasal ’san eadraigin. Oir chunnaic i nach robh seòl air an tuigeadh an dithisd a’ chéile, ach le buillean.