Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/173

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
155
GLEUSDACHD


bi sireadh gun seachnadh ann an iomadach tigh is teaghlach. Na thig ’s na thainig, ach na tha fainear dha! Ge b’e có bhios beò air a-chionn, bi aithris air an oidhche-nochd. Mo thruaighe!”

Tha deichnear ghaisgeach a’ greasad fo’n uidheam ann an Cùl-Bhreacais; oir bha iad a’ feitheamh na gairme cho an-fhoighidneach ri fleasgach ’s e an dìth leannain. A-mach a leum iad le sùrd na caonnaig,—gach fear a’ togail fàireadh an fhir eile—gus an d’ràinig iad mullach Gharbh-buaile, far ’na leig iad cead an gnothuich mu sgaoil da chéile.

Bu cholgarra ’n còmhlan iad, gun neach idir meata ’nam measg. Bha éideadh na dùthcha ann am feobhas a mais’ orra; is am Badan-roide mar shuaicheantas ’nan comhdach-cinn. Rugadh ann an saoghal sona iad, ’san àrach le dòigh fhallain. Bu choingeis leotha cas air muir, no tir. Airson strìth na cluiche, no obair chlaidheamh, bha iad ealanta. Bhiodh buaidh na clach-neairt aig fear; is tilgeadh cabair aig fear eile. Bheireadh Alasdair Seònaid a-mach geall-ruith air an fheasgar so; ach chailleadh e àite do Chalum-a’-chrannuchain, ann an gearradh nan cruinn-leum, air an ath-turus.

Cha do chaomhnadh math a’ chruith air aon seach h-aon diubh, bho na chuireadh dheth na chìch an toiseach iad. Bha bhuil ann. Dh’fhàs iad suas mar isein a’ gheòidh gus a-mór nach aithnichte cuid gach lath’ orra.

Bha’n deichnear de dh’àl na h-aona bhliadhna; is am far-ainm a thug Domhnull Camaran, le fealla-dhà ’s a’ chéilidh orra, lean e riamh riutha. Muire! ’S ann orra