Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/172

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
154
AN T-OGHA MOR


Ghuirm, gur h-ann air a’ mhodh chiadna, bha Druidhean bho chian, a’ toirt rabhaidh air call dhaoine. Tuigeadh e gu’n a bhuilich am Freasdal tùr na foighidinn ort, is cha’n fhaigh thu a làrach nam bonn, gus an drùigh e gu snasar air t’inntinn, gu’ bheil taibhsean a-ghnàth mu’n cuairt dhut, ’s iad a’ feitheamh air t’fhàilte ri’m fiosachd. Ach tha caochladh dòigh air am faod thu naigheachd a chluinntinn. Is tha so fior mu thaobh na h-éubhaich a chuireadh as leith Iain Ruairidh. Air mo shon fhin, saoilidh mi gur h-ann aig Iain Og Mac Rath, a bha’n cothrom facail bu shoirbhe leanalt. Oir bheireadh e gaoir ’san fheòil nach biodh cneasda, nuair a thigeadh e dh’ionnsaidh na cuid sin de’n sgiala far ’na chuir glaodh na fead, an tunnag-fhiadhaich le forbhas bho’n as-bhuain; is teicheadh air giadh glas, is ian-cladaich. “Leum,” ars’ esan, “coin as an cadal le comhart. Thionndaidh clann bheag—a bha màgaran le cion-cadail an cùil—bathais an eagail rathad an doruis; is ruith iad le ràn do thaobh a bhalla dhe’n leabaidh. Stad a’ chailleach de shniomh ’s i leigeadh rolaig mu shèicil na cuidhle. Sguir bean-òg a chàrdadh is buille-chlis air a duilleig.”

“An cual thu’n glaodh ud?” dh’fheòraich té fo h-anail ’s i fàgail an lodair anns a’ phoit-eanaraich fo laimh.

“’S e éubhach a h-ann,” fhreagar té eile le athadh.

“Sid agaibh fead Iain Ruairidh, ’s e ’g iarraidh dhaoine,” bhreithnich, bean-tighe ’s i cothlamadh.

“Ma’s a h-e,” dh’osnaich céile-phòsda nan seachd tràthan, “bi daor an ceannach air na tha fainear aige;