Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/140

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
122
AN T-OGHA MOR

III

Chuir a mhàthair uaipe an fhearrsaid, agus bha h-aire air cothlamadh; ach bha fonn an òrain a-ghnàth ’na bial, mar a bha fuaim nan astar air ghleus ’na guth. Agus a-nise ’na sean-aois, cha robh a fonn gun an ceòl-tiamhaidh—deilbh-ghluasad na h-òige, agus tràthan chéin. B’e a’ marbh-rann e ag ùrachadh beatha ann an caochladh nan aimsir. Chluinnte cleasachd neairt ri ’thriall, gearain fann cion-dòchais, agus aiseirigh dùil nan sàr. Thàlaidh e rithisd an solus-rabhaidh air Beinn Aslaig, agus an t-sealg, dhiarasach, shiùbhlach, a bha sìneadh gu bacail na h-oidhche. Chìte ’n earba riabhach ’na bàs-ruaig, agus mial-choin a’ deanamh dian air a ràn. Bha breith, fàs, searg, agus bàs a’ cuidhleadh mu’n cuairt, agus a’ meanglanachd, mar a bha òran na seana-mhnatha a’ togail atharrachadh nan tràthan.

B’iad so smaointean Iain, co-dhiùbh fhad ’s a bha e ’g éisdeachd ri crònan a mhàthar. Bha ’n suidheachadh inntinn ùr dha; ach cha robh e subhach. Nach robh miadhan òige a-nise sìoladh troimh làmhan? Agus Eilidh, cuideachd! A! théid ise do’n bhuailidh, le buarach ’na dòrn, agus ni laoigh òga mir-chluich mu’n cuairt dhith, lath’, agus a-rithisd. Ach bidh a chadal-san fad air falbh; agus nuair a theàrnas an liath-cheò air balbhachd nan gleann, bidh géum na bó chaisinn is ruaidh a’ siubhal an àiridh, ach cha lean a cheum an lorg.

’S ann ’san dòigh so a chuir Iain òran Eilidh ri chéile, agus sheinn a mhàthair e ri fonn Cuachag nan Craobh.