Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/139

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
121
IAIN RUAIRIDH, MO CHEIST!

litir ’na ghleidheadh a dh’ ionnsaidh Dun-bheagain—a tha mi ’n dòchas nach ruig e—a thionndas gach biodag ri uchd Mhic Neacail, agus gach cridhe bog bho chuideachda. Fuirich ort!” bhac Eilidh, air do dh’ Iain leum gu bhi air falbh. “Dé ma ruigeas an litir-bhrath’ Dun-bheagain, bidh Mac Neacail, no an t-Ogha Mór, mar a chanas a chàirdean ris, an eisimeil gniomh caraide?”

“Cha dean i sin!” fhreagair Iain le feirg. Ach bha fios aige gu math nach robh e ’na chomas a bhi roimh’n teachdaire mun ruigeadh e Dun-bheagain. Cha b’e sin a bha cur air gu buileach. Bha rud no dha eile ’na bheachd. Agus b’e sin ’a dhol am buaireas fola ris na Leòdaich. Tuigidh sinn an dearbh aobhar leis an fhoighidinn.

“’S ann a-nise tha thu còrdadh rium. Mo luaidh, ’s mo bheannachd ort, agus rùn do chléibh air do chuisle. Sin dhut-sa dùrachd cridhe do leannain.”

Air dhith so a labhairt, thoinn Eilidh i fhein gu grad á làmhan Iain, agus theich i as a shealladh. Lean a shùil an rathad a ghabh i; agus thainig cnuasachadh mulaid ’na inntinn.

“Ni mi òran dith,” thuirt e ris fhein. “Oir tha rudaigin ag ìnnse dhomh nach fhaic mi tuilleadh i. A! ’S i a’ chruinneag i da-rìribh agus bean-chomain na misneachd!”

Air do ’n smuaint àite-tàimhe fhaotuinn ’na inntinn, ghabh e stigh air ais le ceum socrach.