Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/132

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.

IAIN RUAIRIDH, MO CHEIST!

Cha’n e sgeul-rùn e ’s fios aig triùir air

—SEAN-FHACAL

Bha’n comh-thràth air sìneadh ann an glac-shuain na h-oidhche bho’n a chaidh Rob Crotach tarsuinn air còmhnard-freadhairc an Tighe-mhóir. Dh’fhàg Mungan Tuathal beannachd aig an Ridire Tholmach, agus le teanga-magaidh ’na phluic, chuir e aghaidh air a cheann uidhe. Chaidh an crodh-laoigh a bhleodhan, agus an saodachadh ri gleidheadh an fhàsaich. Bha breac-an-t-sìl, ’s a cheann fo sgéith fad-on-uair-sin ’na chadal. Cha chluinnte ach sgriach dhuaichnidh a’ chromriabhaich, agus clis-ghlaodh ‘mollachd-an-t-sealgair,’ a’ bristeadh air sàmhchair nan clos. Tosdach mar dhruma air a mùchadh, bha Tigh-mór Laobhrais ’na stéidheadh, agus muir-ghlas camus an Ath-leathainn, a’ sìneadh a bliain ri gainmhean beadrach Abhainn a’ Choire.

Ach a’ cumail mire ri foighidinn gu furtachd an anamoich, bha aon inntinn chùramach, agus sùil-faire gun phriobadh cadail. B’e so nighean òg; is i a’ feitheamh, le buill’ air a cridhe, aig dorus-cùil an Tighe-mhóir.

Cha b’ann gun chlisgeadh a thog i dealan na cachlaidh agus a dh’iathlaidh i troimhpe. Bha ceann-turuis ris a’ chladach; agus leag i h-aghaidh air le cabhaig, ’s a sùil an dràsda ’s a-rithisd thar a gualainn, mar