Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/119

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
101
EARRAIG CHEILIDH


ibh cothrom-na-Féinne do’n diùlnach.” Ach nuair a mhothaich e có ris a bha eadraigin, bu chollaiche ri duin’ air a’ chuthach e.

Tha fios aig daoine gu’n robh an t-Ogha Mór fearadhanna nuair a thigeadh togail fodha. Is cha b’ann air an turus ud a rinn e dìmeas air deachd a thapaidh an caonnaig. Oir cha bu luaithe bha fheachd am feobhas, na thug sgathadairean a’ chroin an seang ri astar—gu h-àraid Dunoidheas. Fhuair esan teicheadh; ged nach do shoirbhich cho sona le chùiltearan. Ma thug iadsan na buinn as, rinn an t-Ogha, is Iain Ruairidh dian as an déighinn. Cha’n fhacas an t-sealg sin riamh ri bruthach, a bha na bu teotha n’an fhaoghaid ud.

“A mhic an Fhir-mhóir!” mhionnaich an t-Ogha, ’s e ’toirt siapaidh air fear diubh. “Tionndaidh t’aghaidh mhosaich an rathad so. Oir cha toigh lium brodadh na muic’ a dheanamh ort.”

Thuig am fògrach nach b’fheàrr an càradh na eatorras nan cailleacha-dubha; is nach robh ach an t-seòltachd a bheireadh dheth iad. Bha chlaidheamh air bheairt aige, is thug e gnè de spìd as, mar gu’m biodh e airson fhear-tòireachd a chur as fhaireachadh. Agus chaidh sin leis. Oir smaointich an t-Ogha gu robhas ’ga fhàgail, is chuir e greasad gun faicill air astar. Ann am beagan shìnteag, bha e aig sàil na bha roimhe. Ach sid am fògrach air a bhial-fodha, ’sa chlaidheamh ’na stob thar a ghualainn. B’ann na thràth a chunnaic an t-Ogha Mór a chunnart, is leum e beò as an adhar seachad air.

Cha’n’eil ri aithris ach gu’n d’fhàg e fear a chonais