Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/118

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
100
AN T-OGHA MOR


fhaicinn aig taobh seach taobh. Ach ged a bha Iain cho fulannach ri sgarbh fo fhlinne, chunnaic e nach seasadh a chur thuige ’san dòigh ud. Bu mhath buille-teanachdais bho’n Ogha Mhór an ceartair. Thainig an smuaint so mar ghuidhe ’na rùn; oir, fhad ’sa bha aire ’ga turaman, dh’fhuilich fear de luchd-tòireachd air a ghairdean. Cha robh an dochann mór; ach ged nach robh fhein, ghabh iadsan foras gu’m biodh e an gradaig ri làr aca. Theagamh gu’n deach an dùil mar a’ miann, na’n d’fhàgadh an dearbhadh air a’ mànran-san.

Thuirt am facal againn fhin, nach dlùithe tha clach do’n làr na tha cobhair Choibhidh. Oir is iongantach mar a thig fear an t-saoghail fhada as gach càs; agus na’s iongantaiche mar a shiùbhlas an dàn gu rath. Có, seach daoin’ an t-saoghail, a thachair a bhi tilleadh da dhachaidh ’san àm, ach an t-Ogha Mór? Bha e ann an caidreamh na searraig còmhla ri brachadair a mhuinntir Ghlinn-dail, is fear-eile a Gleann Urchaidh, leis am bu cheaird, a bhi cur suas mhuilnean-gaoithe, Mar a bhios am fear do’n d’rug an cat an cuilean, chum mire na cuaiche gu anamoch iad; is bha feum aig Iain Ruairidh air a’ sin. Ach chreanaich feadhainn eile air a thàilleabh. Oir thainig an t-Ogha Mór air an tuasaid, is e anns an togradh bheothanna sin a bheireadh aghaidh air deamhnan.

Cha tug e an aire có bha aige an toiseach. Chunnaic e triùir a’ toirt ana-cothruim do dhuine leis fhein; is bha sin gu leòr dha. Leum e gun dàil ’nam measg, is lann air ghléus ’na ghlaic.

“A chlann Ifrinn!” mhionnaich e le gloc. “Thoir-