Jump to content

Irisleabhar na Gaedhilge/Imleabhar 1/Uimhir 1/Failte a Albainn

From Wikisource
[ 12 ]

FAILTE A ALBAINN.

A Ghaidheil Eirionnaich—Guidheam mile failte dhuit air do cheud thuras am measg do luchd-duthcha. Tha na Gaidheil Albannach agus na Gaidheil Eirionnach sean-eolach air a cheile; bha latha agus bha malairt agus co-chomunn nach bu bheag eadar iad. Cha 'n 'eil ach uine gle ghoirid bho 'n bha an aon chainnt aca, agus gus an la an diugh tuigidh agus leughaidh muinntir na dara duthcha cánain na duthcha eile. Ged is fior so uile, is doilgheasach leam a radh gu bheil iad gu mor air eolas a chall air a cheile, agus, ní is miosa na sin, tha tomhas mor de dhroch run air eirigh suas agus air bealach farsuing a chur eadar an da shluagh sin a bu choir a bhi, mar dha chraoibh, gu cairdeil ag eadar-fhigheadh an cuid meangan agus a' nochdadh an toraidhnean, taobh ri taobh, gu h-aillidh, grinn, do bhrigh gu bheil iad a cinntinn bho 'n aon fhreumh.

Ann am failte agus furan cridheil a chur ort, mar tha mi a nis a' deanamh, ceadaich domh an dochus altrum gu 'm bi thusa le do leabhran úr ad mheadhon gu drochaid a chur air a' bhealach a tha eadar sinne agus thusa, agus gu 'm bi sinn as a dheigh so ag urachadh ar scan eolais agus a nochdadh cairdeis mar bu nós.

Ma ghabhas tu gu togarrach ris an earlas so air mo dheagh dhurachd, cha 'n abair mi nach cluinn thu gun dail a ris bho

Do charaid dileas,

Iain Ban Og.

Gaidhealtachd Alba,
Oidhche Shamhna, 1882.