Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/9

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.

Ceann-Cuimhne


Spiorad Mo Chuideachaidh

Nach minig a dh’ fhèach mi ri dreach a chur air sgial a chòrdadh riut. Ach ged bu thlachd leat éisdeachd le foighidinn, cha do leig thu claonadh cainnte seachad riamh gun a cheartachadh. Far an dearcainn air gnè gu nàdarra, mhisnich thu m’ oilean air a sgrìobhadh Is fhuair mise an cuideachadh inntinn a thug sgial AN OGHA MHOIR gu ceann-fìnid. Cha’n’eil an deachd pinn, airson sin, gun dubhachas ’na lùib. Oir ciamar a chailleas ar meomhair tathaich na dithisd a dh’ fhàg saoghal an doilgheis ann an tùs an òige? Tha bliadhna ’n déigh bliadhna ’ruith bho’n a phòg sinn “NANNIE” agus “FOI” air leabaidh fhuar an dòlais; ach gheall ar cridhe nach tig aomadh air ar cuimhne gu bràth d’an taobh. Tha’n gàire cho ùr is blàth dhuinn, agus tatar nan casan beaga aca cho beò ’s a bha iad mun tainig teachdair’ a’ bhàis air àrainn an tighe. Dé dha sin? Cha tuig an saoghal iargain ar sgaraidh. Ach dé dhuinne an saoghal? Cumaidh mise agus tusa cuimhneachan-cridhe gu bràth air àilleagain mhaoth ar n-ionndrain; is far an toir sgial ar rogha tionndadh gu ionadan cian nan taibhs, cha di-chuimhnich sinn m’ athair; oir tha “NANNIE” agus “FOI” a-rithisd maille ruinn

Aonghas Mac Dhonnachaidh

Glascho,

Earrach, 1913