Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/57

From Wikisource
This page has been proofread.
41
BEUD IS BACADH

biodh iad a’ toirt neairt an eisimpleir. Fhuair sinn cunntas air Fearchar Gunna, no dhà eile. Ach b’e mac Ealasaid an duine; agus a dhleas an t-ainm a’ bu gheal a choisinn e. Cha tainig esan riamh ’na rathad a chuir a làmh ’na bhroileach gun chreanachadh air a dhalmachd. ’S beag airson sin a b’fhiach a spionnadh an taca ri ’mhàthair—an rud a sheallas mi dhut.

Thachair do dh’Fhearchar latha—’s e an uair sin aig ìre duine—ti’n air agh leis fhein, a chaidh a cnàimh na h-amhaich ’sa’ mhonadh àrd. Dé rinn mo laochan, ach a thogail ceithir-chasach air a ghuailne; is gabhail dhachaidh leis, mar nach biodh ann ach piolag uain.

Dh’fhaoidte gu’n tig agam fhathasd air éuchdan Fhearchair a’ Ghunna chur am beairt dhut. Oir cha d’ rinn mi ach an tarruing so a thoirt air, a-chum ’s gu’n dearbhainn gur boirionnach air-leith a bha ’na mhàthair.

Mar a dh’éirich dha’n t-saoghal, bha nàdar na saighdeareachd anns na daoine. Agus thainig fodha dol gu ruige an arm-dheirg. Cha robh e buileach cinnteach, co-dhiùbh a b’ann air Freiceadan Ghlinn-eilge, no Chille-Chuimein a dheanadh e. Ach latha dhe na làithean, mun tainig borc nan lusan ’san Earrach, chuir e a rùn ann an cead a mhàthar.

Ged nach robh i buidheach dhe thogradh, bha fios gu math aice, gu’n robh esan tuilleadh is tréun ’na bharail, airson ise dheargadh air. Thainig an t-àm mu dheireadh; agus dh’fhàg Fearchar an tigh leis na beannachdan. Dh’fhalbh a mhàthair ’ga chur greis-a’-rathad; is chum i cheum ’s a chridhe gus an d’ràinig iad an Sìthean, far ’na stad iad le chéile.