Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/54

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
38
AN T-OGHA MOR

bha’n inntinn aotrom, mar gu’m biodh iad fhein de’n t-seòrsa bho’m faigheamaid ciall an iosad. Ach bha’n còrr de thùr ann am baoth nam beachd—thar-leotha—bh’aig Iain Og, n’an gliocas féineil—ma’s fhior—a bh’aca-san, nach tigeadh an uisge na stiùrach do bhàighealachd a’ chridhe a bh’ann. Mar fhianuis air mo bharail, b’e an tigh aige, aon àite-céilidh a’ chinn-ìochdraich. Is rinn mi mo chuid dheth. Oir cha mhisd e an t-aideachadh, nach b’ann aon uair, no dà uair, a dhì-chuimhnich mi an gabhail-orm a fhuair mi roimhe, a-chionn a bhi ‘muigh air na tighean’; gu h-àraid, ma’s e an t-Sathurn bh’ann; is uisge na Sàbaide gun toirt dachaidh, no arbhar a’ chruidh gun bhualadh.

Ma’s math mo chuimhne, cha robh aig’ idir air Cloinn Mhic Coinnich Chinn-t-Sàile. Bha aobhar a dhiomb a’ ruith ’na dhaoine bho shinnsreadh. Ach buinidh am bun-connspaid ri làithean casgraidh nam feachd; agus cha’n ùraich mi iomchoir air an tàilleabh.

Ged nach do thuig mi an uair sin e, tha mi nis a’ faicinn c’arson a bha mholadh air Eilean Donnain cho éigneach. Ach ma’s e ’s gun tig thu air an aiseag ’san t-Samhradh, nuair a bhios neòinean brosglach ri taobh tuilm, chi thu cròileagan de bhalaich bheaga—Muire! ’s iad fhein na fiannaichean!—biorraidean luachrach air an cinn; agus luingeas sheilisteir aca ’gan seòladh bho thir-mór gu eilean mara. Tha gorm-linne Loch Dubhaich na’s leatha n’an cuan do’n sealladh; is na’n ciar an latha ’thig bristeadh air sonas, fhad ’s a bhios sùil na h-òige tomhas an astair.