Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/42

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
28
AN T-OGHA MOR

mhagaidh de Mhorair Eilean Donnain,’ fhreagair e gu socair sèimh; ach gu’n seachnadh am Freasdal orm an lasadh bha ’na shùil. Thig uair anns am bidh aithris na criche air mar a bheir Mac Coinnich a-mach tòrachd na tàmailte so? Sin Ealasaid rùn mo dhiachainn!”

“Gu’n tigeadh Nì-maith ’s an eadraigin!” ghuidh Ealasaid mar fhreagairt. “Tha e collach, ge b’e có ’s coireach gur tusa ’n creanach. An oidhche ’s a’ latha! Far am bidh do ghràdh, bidh do thathaich. Nach ann oirbh a thàinig e!”

“’S fior do ràdh,” thuirt Una le fann-ghuth. “Tha ’n còrr is bliadhna bho na dh’ fhàg mi tigh Laobhrais air son a’ Chaisteil Mhaoil; ged nach do chuir Mac Coinnich an géill a bhagairt. Ach thig e; is i nochd an oidhche. Nach d’thuirt thu rium gu’ bheil Fioschluas fhathasd ’nar fàrdaich? Bu toigh lium fhaicinn. Tha mi air son gu’n toir e fios-beòil do Mhorair Eilean Donnain, is fios a’ chridhe nach ceannsaich slabhraidh no inbhe. Greas ort!”

Cha do chuir Ealasaid ’na h-aghaidh na b’ fhaide. Dh’ éirich i mach, ma’s a b’ fhìor, a choimhead air son Fhioschluais. Ach thuirt i rithe fhein nach d’rachadh cas dheth air taobh a-stigh an t-seòmair.

Is gann a rinn i ach an dorus as a déigh a dhùnadh nuair a thachair i an clàr an aodainn air a’ Mhoraire Goiridh fhein. Bha cheann crom; a shùil luaineach agus gruaim na h-anshocair ’na aogasg shreamach.

“Ciamar tha bhana-mhoraire?” dh’ fhoighnichd e gu h-ealamh.