Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/38

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
24
AN T-OGHA MOR

Bha manadh ’na guidhe chuir dragh is cùram air Ealasaid, a’ bhean-ghlùine. Is cha robh a h-iomagain gun a leisgial. Nach robh naoidhean nam beagan thràthan a’ rànaich air son na dibhe nach tigeadh ris, ’s gun an t-seachdain fhathasd bho’n a dh’ asaideadh a mhàthair air oighre do Mhac Fhraing?

“Nach e Moraire Goiridh tha fada gun tilleadh?” lean Una air aghart—a bilean air chrith, is sùil luaineach an fhiabhruis-asaid a’ losgadh ’na ceann.

“’S e tha, gu dearbh,” fhreagair Ealasaid, ’s i ag amharc le caomhalachd air blàth bhuadhan na màthar òige. Gu’n robh i ann an trom thinneas bha e tuilleadh is soilleir. Ach bha a snuadh, spioradail ’na dhreach—rughadh nan ròs le àirde fiabhruis air a gruaidh, agus a gruag a’ tuiteam mar lùban òr-dhealt air a cluasaig, far an robh a làmh chumadail sìnte, agus duail dheth an glaic a meòirean geala.

“Ealasaid,” thuirt i le fonn grad; “tha amharus agam gu’bheil an còrr ’nad chleith, na tha ’nad fhaiceall. A’ bheil fios agad dé tha cumail a’ Mhoraire?”

“Ma ’s e naigheachd amharus, tha eagal orm gu’m b’ fheàrr lium ann an so e, na far a’ bheil e. Ach cha’n ’eil sin ag ràdh nach’eil mathas an Fhreasdail maille ruinn.”

“Gu dé dha sin!” smachdaich Una. “Cha leasaich bròn breamas. Tha mi fo chùram ’s fo iomchoir. Thug mi oighre do cheann-cinnidh Mhic Fhraing, ach dé a thachras?”

“Na cuiribh sibh fhein mu’n cuairt, nic-a-chridhe! Nach’eil fios agaibh-se gu’n tig furtachd le foighidinn,