Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/245

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
225
AN TATHAICH

bàthaidh fhàgail. Thug Domhnull nan Guidheachan a mhionnan gu’m fac esan Iain Ruairidh a’ snàmh ann an uisge na stiùrach; agus an dà shùil a bh’ ann cho soilleir ri coinnle-bianain. Gheibhte bho fhear no dhà diubh, mar ghnothuch àraid—ged nach b’ fhiach leotha bhi ’ga chanail—gu’n tug iadsan an aire do dhuine collach ri Iain Ruairidh ’na shuidh aig an stiùir, gus an tainig malcadh air toiseach an latha.

“Bu duilich a’ chrioch ud gun teagamh,” labhair Gilleasbuig le guth bristeach. “Ach nach trom a bhios a sgiala-bàis air a mhàthair bhochd.”

“Agus air Eilidh cuideachd,” lean Alasdair. “Oir cha’n ann oirre is aotroma bhios an sac. Ach saoil na ghabh e am bàs ga ionnsaidh fhein?”

“Cha’n ’eil an dà rathad air,” fhreagair Gilleasbuig. “Am faca tu riamh cho neo-shunndach ’s a bha e falbh? Bha’n droch ghalair air a shiubhal bho chionn greise; is rinn e an gnothuch air mu dheireadh. B’ fheàrr lium gu’n robh an t-Ogha Mór leinn.”

“B’ fheàrr lium fhin sin cuideachd,” dh’ aontaich Alasdair. “Ach ’s ann air, airson sin, a thig am fios a thoirt do bhanntrach Ruairidh Oig.”


Tha eachdraidh an turuis ud diachainneach gu leòr. Ach is soirbh i ri h-aithris an taca ri crannchur Eilidh.

‘Chunnaic mi iomadh nì a bheireadh na deòir air an t-sùil,’ sgrìobh an t-Ogha Mór. ‘Ach gu’n seachnadh Dia orm ’san t-saoghal so, a leithid eile de shealladh ri Eilidh an déigh sgiala-bàis Iain Ruairidh a chluinntinn.

N