Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/236

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.

AN TATHAICH

B’iad ròin mhaola bu luchd-faire,
Is barr nan tonn bu choinnle geala.


∗             ∗

Ach cha tàmh no cadal dhuinne:
’Siubhal brònach taobh na tuinne!

—SEANN-ORAN

Thog birlinn nan ràmh a fiacail ri cinn-storcach an t-Stratha; is Iain Ruairidh ’na shuidh air an stiùir. Bha sid dhe’n chaonnaig seachad. Ach mar a dheònaich am Freasdal, chum iad am beatha ’nan cuim, ged a rinneadh giorag no dhà air am feòil tre ’m faodadh i teicheadh.

Cha deach’ an turus aréir an tograidh leotha. Ràinig iad dùthaich Mhic Leoid anns an inntinn gu’n tigeadh gnothuch mór fo làmhan. Ach mar do thog e mi-rùn fola eadar Sìol Leòid ’s na Tolmaich, cha’n ’eil rud math ri aithris air.

Theagamh na’n d’ fhuair Iain Ruairidh cothrom-facail ri Mac Leóid fhéin, gu’n robh a’ bhuil air caochladh sgeòil. Ach chuir Mungan Tuathal car dheth an cùil a rinn ceann-uidhe gun stàth do na Strathaich.

Shaoileadh fear-luingeas air sgrìob gu’n robh leann-dubh air na maraichean. Bha’m bial fo dhruid; is, mar nach minig a dh’ amais, cha deachaidh iorram no fonn a thogail.

B’ ann le cridhe ri rang a chuir na fir an tilleadh