Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/222

From Wikisource
This page has not been proofread.
204
AN T-OGHA MOR

Dh’ aindeoin a mhisneachd, bha làn fhios aige nach faigheadh e làmh an uachdar air sgiob’ a’ bhàta le tuasaid. Ach bu bhrod an t-snàmhaich e. Is na’n rachadh aige air a’ bhàta chur thairis, cha robh an teagamh bu lugha ann nach ruigeadh e cala. Smaointich e air an àsaig a thoirt aisde; ach bheireadh i cho fad air lìonadh ’s gu’m biodh an leasachadh gun dragh. Ach na’n amaiseadh e air déile ’spraigheadh, bha ’n gnothuch leis.

Thionndaidh e ’san gniomh so ’na rùn—gu socrach, fiataidh creid e—gus an d’ fhuair e ’chulaobh ri taicse. Chuir e chas eadar dà rang far an robh ceann-déile air a teòmadh, is, le aon spionnadh, sgiab e mana-bhòrd as a’ chéile. Bhrùchd an t-uisge stigh ’na mhìll; ach mun a sheall iad bhuapa. bha’m bàta gu bhi fodha.

Dh’ éirich an tubaiste so nuair a bhiodh iad mu choinneamh Phlàmarscaig. Is ged a bha iad na bu lugha na trì chiad slat bho thìr, chailleadh iad uile ach Iain Ruairidh.

Bha Iain Og dhe ’n bheachd nach b’ ann le bàthadh a chaidh iad a-dhìth. Thug e mar urras air a chreideamh, gu’n a rannsaich Raitean a-mach an sgioba bh’ aig Sgeir-na-h-Oitreach, nuair a chunnaic e Iain Ruairidh an greim aig na saighdearan. Is air dha an dearbhadh a chur ’nan cead, thug iad gu muir leis an sgoth chaoil. Bha Iain Og dhe’ n bharail cuideachd gu’n a bhuail bàta nan saighdear air an sgeir sin, ris an canair Bogha nan Sasunnach an diugh.

Fhuair fir Bhreacais is Iain Ruairidh a-mach a’ cheile co-dhiùbh. Agus air dhaibh leisgial a chur gu taobh, chluinnte iorram nan ràmh aca ’togail an astair a dh’ ionnsaidh dùthaich nan Leòdach.