Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/220

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
202
AN T-OGHA MOR


Ged a tha’n earrann so rudaigin car mu sheach ’san deilbh, roghnaich mi cumail ri m’ oide. Theagamh gu’n ruitheadh an dlùth na b’ fhearr dhe’n iteachan na’n do chum mi fàireadh air Iain Ruairidh, bho’n a dh’ fhàg e Cnoc nan Curran gus na thuit e ann an làmhan saighdearan ruadha Ghlinn-eilge.

Air dha-san an t-amharus a ghabhail gu’n robh cuideigin air shiubhal d’am freagradh currachd a’ bhrathadair, rinn e, thar-leis, air a’ cheàrna bho’n cual e an fheadaireachd. Ach cha b’e Raitean an giadh air an tigeadh lugais a dhìdeireachd. Dh’ fhuirich e air a chois-cheum gus an tug Iain Ruairidh an aire dha. Agus, mar a bhios am fear sin air an dean braidean greim, thionndaidh e air a shàil a dh’ ionnsaidh Port Mór Lusaidh. Cha luaithe chunnaic Iain Ruairidh e toirt nam bonn as, na rinn e as a dhéighinn cho teann ’s a bh’ aige.

Ged a bha Iain aineolach air có bha e ruith, is math a b’ aithne do Raitean có roimhe bha e teicheadh. Ach fhuair an aimilisg, ach gu sonruicht, buadhan Mairearaid, a leithid de làmh-an-uachdar air, ionnas nach robh nì ’san amharc aige, ach Iain Ruairidh a chur far am moladh an òigh ud a thapachd fhein.

Cha deachaidh ìnnleachd an aghaidh a chuilg dha. Oir chum Iain an siar sin mar nach biodh earras air ceilg ’san t-saoghal. Rinn Raitean dìreach air far an d’ fhàg e na saighdearan ri port. Thug iadsan an aire dha a’ tighinn; is leum coig no sia dhiubh air tìr.

“Tha fear a tha dhìth oirbh ga mo ruith,” thuirt e fo anail; is, gun fuireach ri freagairt, lùb e tarsuinn