Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/218

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
200
AN T-OGHA MOR


labhair Mairearad. “Ach shaoilinn———”

“Coma lium dé shaoileadh tu!” chaisg a’ chailleach le gruaim ’si tilgeadh a bréid de ceann.

Sheas i eadar Mairearad ’san dorus mar gu’m biodh brocair a’ feitheamh cùirn.

“Coma lium-sa dé a shaoileas tu,” lean an t-seana bhean air aghart. “Ma thug do dhànadas thar an rathaid thu, cha chuir e cho soirbh air ais thu. Dé a chanas iad riut?”

Chunnaic Mairearad nach robh math no cron ann a h-ainm a chleith, is fhreagair i: “Mairearad Nic Uaraig.”

“Mairearad Nic Uaraig!” dh’ aithris a’ chailleach. “Thusa, nighean an Dotair Mhic Uaraig a bha’n Dun-éidionn?”

“A’ cheart té,” fhreagair Mairearad air bheag fios gu’n robh i ’san àm a labhairt ris a’ bhean-ghlùine a chuir-as do bhana-mhorair’ Eilean Donnain; agus mar sin da màthair.

Ach ’s aithne dhut an eachdraidh.

“Mairearad Nic Uaraig!” thuirt a’ chailleach a-rithisd agus a-rithisd. “Nighean——ach stad ort!” labhair i mar gu’n tigeadh rud ùr ’na h-inntinn. “A’ bheil fios agad có is daoine dhut?”

“Cha’n ann a shireadh eòlais air sloinneadh a dhubh mi ’ur fàrdach mu’n taca so ’dh’ oidhche,” fhreagar Mairearad.

“Na’m biodh fios agad có thu,” bhrunndail an t-seana-bhean, “cha b’e sin port a chluicheadh tu. Ach siubhad! Tog ort! Na’n d’ fhuair mac Fhir