Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/216

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
198
AN T-OGHA MOR


Thainig an dà mharcaiche mu dheireadh suas ri clisneach a’ chladha—Mairearad Nic Uaraig cho sunndach, glic ri comhachag ’si faicinn taibhse: an Ridire agus truimead a bhàis a’ ciaradh mu aigne.

Thug e sùil ’san dol seachad. Ach ma thug, chunnaic e slaod mór, dubh, le uchd air balla chladha mu choinneamh, mar gu’m biodh e ’ga fheitheamh ’s ’ga chaithris.

“Dia ’s an eadraigin!” ghuidh e ’s e toirt sréine d’an each. Ach mun do thuig Mairearad gu’n robh nì as an rathad, chunnaic i an Ridire ’tuiteam an comhair a chinn.

Nise, bha ’n òigh ud aineolach air gnè geilte, no eagail. Ach nuair a mhothaich i aonaranachd nan sliabh mu’n cuairt dhith, thainig taiseachadh neònach air a cridhe. Gun teagamh bha gealach air boisgeadh ’san adhar. Ach cha robh sin ach a’ liadachadh uaigneas a’ ghlinne far an sìneadh an dubhar a chiasan.

Dh’ amais i airson sin air a tapadh. Oir ged a ghabh i athadh nuair a thuit an Ridire dheth ’n each, leum i gu grad far an robh e nise ’na laidhe, is e gun eang ri ghluasad aige. Bha de mhisneachd aice na chuir a làmh air a chuisle.

Ge b’e dé chunnaic e, no dh’ aobhraich a chrioch, bha’ ’n Ridire Tolmach marbh.

Shaoileadh fear meachainn gu’n cuireadh suidheachadh de’n t-seòrs’ ud cùram air gaisgeach, gun tighinn air òigh nach do dhealaich fhathasd ri aghartas a dreacha. Ach cha do chuir e an tilleadh bu lugha ann am Mairearaid. Oir bha cudthrom a ceann-uidhe ’tagairt