Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/211

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
193
AN DROCH CONDRACHD

bhriathrachais, tairgeam ùrachadh soillse dha do mheomhair. Oir is math a dh’fhaoidte gu’n a lasaich dlùth mo sgeòil lé cur an innich.

Tha cuimhn’ agad dé bu cheann-turuis do Mhairearad Nic Uaraig nuair a thaghail i air an Ridire Tholmach. Thug thu an aire cuideachd mar a thug i am balachan-rathaid—Raitean—fo dhruidheachd a toile; mar a chuir esan as do ’teachdaire-coise fhéin anns a’ Mhòintich Mhóir; ach gu sonruicht, mar a chuir i mar fhiachaibh air, lorg a dheanamh air bàta nan saighdear aig Lusaidh, far na lìbhrig e litrichean-rùin d’an ceannard.

Cha robh am fear-airm sin gun bharantas air na dh’ earbadh ris. Bha e ri prìosanach a dheanamh de dh’ Iain Ruairidh air an oidhch’ ud. Co-dhiùbh, rinn Mairearad an gniomh sin a chur air a mhanadh. Agus cha robh beag meachainn ri ’bhuaireadh ciamar a bheireadh e gnothuch gu ìre.

Bha fiamh is faiceall a-measg nam fineachan Gaidhealach ’san àm. Agus a dh’ aindeoin comhairleachadh Fhir Chul-odair, bha teachdairean nan Stiùbhartach a sìor bhuinnig. B’e sid an t-aobhar a chuir Mairearad Nic Uaraig air turus cho cudthromach. Theireadh Iain Pìobaire airson sin—is cha b’ann air luimead a bheachd a bhitheadh e—gur h-ann a bha i fo rùn-falaich air los Iain Ruairidh. Agus ma dheònaich i rioba chur mu chasan, có do’m b’ fheàrr do’n tigeadh loinn a chur air teanachdas, na nighean Mhic Coinnich, Eilean Donnain? Oir thug dàn is tubaiste nithibh mu’n cuairt, air an dearbh oidhch’ ud, a dh’ fhoillsich sealbh a h-àraich ’sa daoine dhith na’n do ghabh i cothrom air.

L