Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/208

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
190
AN T-OGHA MOR


bhristeadh ’san adhar; is muir ’ga blianadh mu lùib nan còs mar shìoda ’ga righeadh air còmhnard.

Nuair a bhiodh iad an ear air tigh na ‘Miss’—na’n robh i beò r’a linn—dhùmhlaich na craobhan. Oir cha’n’eil ro fhada bho’n a chìtear bun giubhais cho sean ri tri aois iolaire, air crìonadh ’san dearbh làraich. Leis air a’ sin, bha faichd de stad-uisge, is—rud a bha annasach gu leòr—léig iaruinn is cóinneach air uachdar.

Mar a chumas deamhainn ri bhòid, stad Raitean aig ceann an eich, is e cur a làimhe guiniosd air an daga.

“Cum air falbh bho’n eabar sin,” thuirt esan; ach ionnas nach do thuig a’ marcaiche, de bu chiall da, cha d’rinn e ach coimhead timchioll.

Thug e an aire do thalamh briste fo shròn an eich, is, mar gu’m biodh fiaradh grad a’ dol air a’ chruaidh-rathad, thionndaidh e gus a leanalt. Dh’fhàg so a leith-chulaobh ri Raitean, a choc an daga eadar an dà shlinnein aige. Dh’fhalbh lasair bho’n spoir, is rinn an Gall tuiteam a’ mhairbh gu h-obann.

Mu’n do thàrr an t-each toirt-as, ghlac Raitean an t srian; is ann an àireamh na mionaidean bha e aige bocail gu bhroinn ’san fhéithidh, far na dh’fhàg e mu dheireadh e, ’s gun ris ach an druim, ’san ceann deth.

Thìll e an sin a rannsachadh a’ chuirp.

“Is mairg a ghabhadh dragh nach faigh e cuimse,” mhonbhuraich e ris fhein gu brodail, ’se tarruing pasgan phàipeir a pòcaid achlais a’ choigrich. “A!” leith-ghlaodh e le moit ri fhaodail. “Na’m b’e ’n diugh an dé, theagamh gu’n robh thu fhathasd ’san fheòil, mar a bha cat Mhic Aoidh. Ged is fuar a’ mhàthair-chéil’