Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/198

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
180
AN T-OGHA MOR

mhàthair air; mar a dh’fhag e am port leis an sgoth chaoil, is a’ chòmhail a bha roimhe—cha robh nì dhiubh air nach tug Raitean cunntas seanagarra.

“Nise, Thormaid,” labhair i beag; “nise, Raitein, na’n iarrainn ort ceann-turuis a dheanamh, am biodh e duilich leat?”

“Cha do dhiùlt mi fhathasd thu?” fhreagair e air mhireag.

“Seadh, mu ta!” thuirt ise. “An d’rachadh tu gu ruige—ach, stad!—Am beil thu eagalach? Am faca tu duine bhi ’ga mharbhadh riamh?”

“Cha mhór nach fhaca,” dhosaich Raitean, ’s e cuimhneachadh cho faisg ’s a chaidh an gille-diollaid a bha còmhla ri Mairearaid air bàs gun sagart, nuair a choinnich iad an toiseach.

“Tha mi ga do thuigsinn,” thuirt Mairearad, mar gu’m biodh Raitean ann an inbhe seanachais. “An cuireadh tu am marcaiche, thainig an diugh lium, air an aithghearr gu ——gu Sléibhte?”

Thug Raitean an aire do’n mhaille-facail, agus chuir e a sheadh fhein air mun do fhreagair e.

“Cha bhi sùil agad air ais ris, ma théid sinn rathad na Mòintiche Móire?” labhair e sin, is e ’deilbh na dòghach anns am b’fheàrr a chuireadh e as do dh’fhear a ghamhlais.

“Ah! Seadh!” ars’ ise, “An rud dh’fhalbhas, cha’n e dh’fhóghnas. An rud nach cluinn e nochd, cha’n aithris e màireach. Na leig thu urchair riamh?”

“Rinn mi sin le daga bh’aig Iain Ruairidh ’s cha b’ann aon uair.”