bhearradh; lìonagan Bhreacais ann an cuimir dreacha ’s a’ nàbachd; is mìle, no còrr de dh’òban cuisleach le toiseach tràghaidh, a’ laidhe, ’nan achlais. Thairis air sin—’na shlisnich uaine—bha cluaineagan réidh Aird-nis, sonruichte mar innis nam banachag cheòl-mhor; agus far ’na chuir fir-Lochluinn, bho shean, cleachdannan an dùthcha ann am buil, fad an déigh imrich-cuain a dhol as cuimhne. Tarsuinn a’ chaolais, ’san tuath, chìtear Eilean Phabaidh, mar earrasaid ni’n Uainein air todhar, ’s e ’ga bhlianadh ann an sàmhchair na tuinne. Tuath air a’ Chaol-mhór a-rithisd, bha Longaidh, neadach a’ gheoidh ghlais, ’sa’ Sgeir Dhearg, mar chlacha-leum do chailleachan-beurra Leódhais. A’ cumail fàiridh orra-san, nochd Rònaidh a ghob air bharr mara,’se tolladh fo’n iar-’eas, nuair a sgoltas gaoth is uisg’ i air mullach Dun-cana. Mar bhuna-bhuachaile ’gabhail an fhasgaidh, bha Scalpaidh nam meann brucach, a’ tarruing ris a’ Chaol Chumhag. Agus os an cionn gu léir, bha Beinn-na-Caillich ’ga h-éideadh ann an tuar na h-ealtainn; Cille-chrò air taobh dhith mun cas a bruthach, is Coire Chatachain ’ga shuaineadh ri bonn.
A-nise do chòmhail an luchd rathaid.
Cha luaithe chunnaic Raitean na coigrich air fàireadh ’na thilg e ’n t-eallach caoil thar a ghualainn. Dh’ionnsaich a sheanmhair a chuid de dhòigh an t-sionnaich dha. Ach bha aon seadh anns an robh a sheòltachd comharraicht: b’e sin, mar a shealladh e fo mhùgan gun amharus a chur ann am bith. Thug e an aire gu’n a thionndaidh a’ bhana-mharcach a ceann gu taobh;
J