Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/177

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
159
GLEUSDACHD

lòsan briste na h-uinneig, bha na marcaichean a freadharc.

Cha b’e sin do Oidhrig Sheumais ’ic Alasdair e. Stad ise ’bhualadh a’ chipein gus na dh’fhàg na coigrich a sealladh.

Nise, bha Oidhrig dhe’n fheadhainn a fhuair comasan buidseachd. Ach bho’n a chuir am pears-eaglais ann an cuing i, an déigh an corp-creadha a fhuaras an Alltan-amhaig, ghléidh i gach buaidh a bh’aice ann an clach a sùla. Is cha b’ann tric a dheanadh i ’fliuchadh, na’n tigeadh iad ’san amharc nach còrdadh rithe. Oir mur a tigeadh co-as a’ choigrich gu h-obann dith, cha lasaicheadh i cas, no cuimse gus am biodh an t-aobhar-siubhail air bhrath aice.


III

Chaidh giullan dìolain a bh’aig Mairi, a nighean, a thogail còmhla rithe; ’s cha b’e ’n t-àdh e. Cha robh car a bha ’na sheanmhair nach b’aithne dha; agus cuir eile nach robh innte idir. Co-dhiùbh, cha deachaidh móran dhe’n olc as air. Ach bha na h-eòlaich, anns an robh meachainn, a’ gabhail a leisgeil, ’s a’ canail, gu’m bu dual dha bhi dona ’san Sàileach ’na athair dha. Is iomadh turus neònach a rinn e dha sheanmhair. Leis cho tric ’s a chìtear roip mu aodann le cion-nighe, thug balaich bheag a’ bhaile, Raitean air. Ach ged nach bu mhór e, bha e tapaidh.

Nise, bha dòigh an t-seòdail ann an Raitean, nuair nach biodh e bìleastaireachd dha na chaillich. An dèigh cuairt a chur air dà cheann a’ bhaile, ruigeadh e