Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/175

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
157
GLEUSDACHD


gheibh thu, cha’n e mhàin, deireadh, ach toiseach gach sgeòil a-nasgaidh; agus cuideachd, mar a dh’éirich do dh’ Iain Ruairidh, mun d’fhuair e cas am bàta le thoil fhein a-rithisd.

“Fhearaibh,” labhair Tearlach-na-fiasaig, nuair a dh’fhàs a’ monbhur farm. “An cuala sibh gu robh iad a’ cur uibhireachd air Iain Ruairidh bho’n a gheàrr an cù cuthaich aig trusadh Cheann-Loch e? Tha mi’n dòchas nach éirich gu h-olc dha!”

“Chaidh cur-as do na chù,” fhreagar triùir no ceathrair còmhla.

“Ged a chaidh fhein,” lean Tearlach roimhe, “tha’n droch phuinsean am fiacail a’ choin. Coimheadaibh bràthair Fhir-Lusaidh, a b’fhéudar a cheangal ri ’leaba le iallan, ’s a bha blobhdail mar mhadadh, mun a thràghadh gu bàs e. Ach tha mi ’n dòchas nach éirich gu h-olc do dh’Iain. Ge b’e àite dh’am bheil e, bheir mi m’fhacal nach’eil Gilleasbuig Mac an Tòisich, is Alasdair Aonghais fad o chrudha. Ma thogras sibh, ni sinn Sgeir-na-h-Oitreach dheth, [1]gheallaras an tainig e fhein, no bhàta. Cha’n ann gun tuiteamas ti’n ’na rathad, tha e gun a bhi’n so an ceartair. Oir tha mi ’san làraich—tha mi cinnteach—anns na chum e, airson a’ chiad turus, duine riamh ’ga fheitheamh.”

Thug gach fear de chàch a bharail mar a chothrom. Ràinig iad Sgeir-na-h-Oitreach le smuaint air uideil is ceum mall. Bha Gilleasbuig, is Alasdair ann an sin. Ach bha iadsan ionnan riutha fhein le dragh, nuair nach robh Iain Ruairidh air faire-fios.

Dé nise dh’éirich dha? Oir bha cùram air inntinn,

  1. an geall air fios