Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/159

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
141
TURUS NA CRICHE


ghrunnad na h-oidhche, chum—’s math a dh’fhaoidte—fios an àidh, a thoirt do chridhe brùite ’na chadal.

Cha mhór a thuigeas dòigh a’ bhàird ri òran. Ach ma tha na comasan agad—leisgial freagarrach air do theangaidh, no am facal a fhuair do sheanair an iosad, còmhla ris an rud a bh’anns na daoine, fichead linn mun do chuir an Sàr-dhruidh deireannach, an corran-crom fo bharr-ìoc an daraich—faodaidh e bhith, le toil an Fhreasdail, gu’n lean thu am port ’tha air a mheòirean.

Biodh sid mar a tha e, bha alt thar tomhais aig Alasdair, cha’n ann a-mhàin air oilean na bàrdachd, ach chuireadh e, mar an ciadna, fonn air òran a bheireadh na h-eoin a crannaibh. Chanadh Gilleasbuig sin co-dhiùbh, na’m biodh iad—mar is minig a thachair—ri taobh cleath-luathaidh, an àm a bhi cur nam fleasgach ’san ùradh.

Ach ’s fhada thall an latha sin.

Thog Alasdair a cheann. Oir bha Gilleasbuig cheana spaidsearachd air ais ’s air aghart, mar neach fo iomagain.

“Dé nis a tha cur ort?” ars’ Alasdair. “Tha mi’n dòchas nach’eil sinn le chéile feitheamh air turus na dunaich.”

“Cha’n’eil buileach. Ach tha’n còrr is dol a’ dhìth Iain Ruairidh ann an cuigeal nan dàn; agus bidh sinne ’na mheasg gu h-obann. Eisd! Dé fuaim a tha sid?”

“Tha bàta Iain Rairidh,” fhreagair Alasdair le