Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/157

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
139
TURUS NA CRICHE

àit’ ann an amar-deilbh na nithibh sin, tha’n dàn ri teachd.

Thuig Alasdair nach robh stàth dha bhi dol an ceann seanachais, fhad ’sa bha Gilleasbuig bho uideil na tàibhse. Rùnaich e mar sin gabhail ealla ris—an rud a rinn e, le bhi suidh’ air groban creige. Is cha b’ann idir dha aindeoin a ghluais rian-thogradh nam bàrd a spiorad.

Bha gealach làn an abuchaidh aig a h-àirde ’san iarmailt; is i boisgeadh mar lòchran sagairt air Oitir Aisig—an còmhnard réidh a bha sìneadh bho Sgeir-an-t-Sruith a’ tuath air, mar mhainnir-chluich do dh’ òighean-cuain.

Bidh taobh aig fear-camain ris an Oitir, smaointich e ann an teothad a bhàighe. Nach iomadh cath-mór a chunnaic i? Aig latha bliadhn’-ùire, bhiodh am bodach le anail ’na uchd, gu dian a’ basaigeadh; fear a ’chinn-léith cho sunndach ri gille-mirein; is có na’s cruaidhe na esan ag éubhach: ‘Seas do sheas, a mhic an fhir ud!’—làn-dhaoine,—bras, spàirneil agus sùbailt,—a’ toirt adhair bho adhar do’n bhall; is gillean, neo-uisgidh, gun ghiamh gun ghaiseadh, ’s iad a’ strìth ri smachd na h-oidhche mun tugadh iad suas bial-taghail.


II

Bu cheòlmhor luaidh nan seann àbhaistean. Ma’s-a- b’fhìor do Dhomhnull-nan-Cnag, ghluaiseadh e fuil theith ann an cuislean an lapanaich aosda. Oir nach tric air an raoin ud, a chunnacas Coire-Chuìbean, is Iain-Brocair—maille air an leirsinn; iad a’ crith air a’